Sia mìosan aig urras airgead a thogail 'son eaglais an Tiriodh a cheananch

Eaglais cloiche ann an làrach feòir uaine le slighe liath thuice. 'S ann air an dùthaich a tha i agus chan fhaicear agus aon taigh geal agus rathad singilte fada às. Tha an t-adhar gormTùs an deilbh, GEOGRAPH/EUAN NELSON
Fo-thiotal an deilbh,

Feumaidh Urras Coimhearsnachd Heylipol £60,000 a thogail ron 6mh den Ghearran an ath-bhliadhna airson an eaglais a cheannach

  • Air fhoillseachadh

Thuirt Urras Coimhearsnachd Heylipol ann an Tiriodh a' cur romhpa airgead a thogail anns na mìosan ri thighinn gus togalach eaglaise a cheannach airson na coimhearsnachd.

Tha fiach £60,000 ann an Eaglais na Mòinteach agus tha gu an 7mh den Ghearran 2027 an t-suim sin a thogail air a son.

Dh'aontaich Eaglais na h-Alba roimhe an togalach a reic ris an urras mus do chuir iad air a' mhargaidh e.

Tha an t-urras airson an togalach a ghlèidheadh mar ghoireas don t-sluagh a ghabhas cleachdadh fhathast mar àite-adhraidh, cho math ri cuirm is tachartasan eile a chumail ann do shean is òg fad na bliadhna.

Tha iad ag ràdh gu bheil iad a' sùileachadh gum bi airgead a dhìth orra chan e a-mhàin airson an seann eaglais a cheannach, ach airson na bhios a dhìth de dh'obair-chàraidh agus airson an structar agus an gàradh a leasachadh.

Taobh a-staigh eaglais. Tha uinneag mhòr sgeadaichte le solas an là a' tighinn troimhpe os cionn cùbaid agus altair. Tha beingean fiodha ann le bìoballan agus leabhraichean gorma orra. Tùs an deilbh, GEOGRAPH/TIGER
Fo-thiotal an deilbh,

Tha an t-urras airson adhradh a chumail a' dol san eaglais cho math ri cruinneachaidhean poblach eile

Tha an t-urras den bheachd gum feum iad £1m airson an cuid planaichean a thoirt gu buil.

Dh'iarr iad taic a' phobaill airson "dèanamh cinnteach gun lean togalach Eaglais Heylipol a bhith mar phàirt de dhualchas Thiriodh - agus den eilean san àm ri teachd".

Chaidh Eaglais Heylipol a thogail ann an 1902 le ailtire às an Òban, Uilleam MacCoinnich.

Tha Heylipol a' ciallachadh "Baile Naomh" ann an Seann Lochlannais, fianais air cho tràth agus a thàinig a' Chrìostaidheachd dhan eilean.

Tuilleadh air an sgeulachd seo