"Maill glè mhòr" air sgàth thrioblaidean le drochaid ùr £10m

Soidhne stad aig Drochaid Thòrr Bheathain
  • Air fhoillseachadh

Tha fear de chomhairlichean Inbhir Nis ag ràdh gu bheil trioblaidean leantainneach le Drochaid ùr Thòrr Bheathain a' cur "maill glè mhòr" air muinntir a' bhaile.

Tha an drochaid air a bhith dùinte às ùr do charbadan fad cola-deug - an trioblaid as ùire a tha air bualadh oirre.

Dh'fhosgail Drochaid ùr Thòrr Bheathain thairis air a' Chanàl Chailleanach ann an 2021 mar phàirt de leasachadh Cheangal-Rathad an Iar Inbhir Nis.

Tha i faisg air seann Drochaid Thom na h-Iubhraich a thogadh ann an 1938.

Bha dùil nuair a chaidh Drochaid Thòrr Bheathain a thogail gum biodh e a' ciallachadh gum biodh tè de na drochaidean an-còmhnaidh fosgailte do chàraichean.

Ach thuirt Ailig Greumach, a tha na chomhairliche Lib Deamach do dh'Inbhir Nis an Iar, gu bheil a h-uile coltas ann gu bheil an drochaid a tha 88 bliadhna a dh'aois nas earbsaiche na tha an tè ùr.

An Cànal Cailleanach aig Drochaid Thòrr Bheathain

Tha e ag ràdh gu bheil tòrr dhaoine air draghan a thogail leis mun t-suidheachadh.

"Tha e follaiseach gu bheil seo a' cur maill glè mhòr air daoine.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil trioblaidean air a bhith ann bho thùs".

Thuirt BP na sgìre, an Lib Deamach Aonghas Dòmhnallach, gur e buille mhòr a th' ann gun do thachair na trioblaidean as ùire as t-samhradh nuair a tha Inbhir Nis cho trang.

Thuirt Mgr Dòmhnallach nach eil e a' tuigsinn carson nach eil clàr-ama aig Comhairle na Gàidhealtachd airson an drochaid a chàradh.

"Feumaidh seo a bhith air a chur ceart," thuirt e.

Thuirt an t-ùghdarras ionadail gu bheil còmhraidhean a' leanntain le companaidh a nì càradh air an drochaid mu chlàr-ama.

Gheall iad fiosrachadh a thoirt seachad cho luath 's a ghabhas.