Naidheachdan 11:00m

Nepal

Tha fios a-nis gun do chaill, air a' char as lugha, 489 duine am beatha airson san tuil mhòir ann an Nepal agus Tibet. Tha còrr is 1,400 a dhìth, 's tha luchd-teasairginn a' coimhead airson feadhainn a dh'fhaodadh a bhith beò fhathast.

Disclosure

Thug am prògram Disclosure aig BBC Scotland am follais gum b' aithne do phoileas gun robh eachdraidh eucoir an aghaidh bhoireannach aig fear a chaidh fhastadh mar oifigeach. Chuir Alan Greer làmh na bheatha fhèin sa Chèitean am-bliadhna nuair a bha e fo rannsachadh airson èigneachadh le fòirneart fhad 's a bha e na oifigear poilis. Thuirt Poileas Alba nach fhaigheadh Greer tro sgrùdadh san là an-diugh.

Oilthighean

Tha oilthighean na h-Alba ann an staing ionmhais a tha a' sìor fhàs nas miosa, a rèir aithisg ùir. Thuirt Sir Anton Muscatelli, a rinn an rannsachadh do Riaghaltas na h-Alba, gu bheil beàrn £200m ann a h-uile bliadhna eadar teachd-a-steach agus cosgais, agus gum faodadh sin fàs nas motha buileach leis gu bheil nas lugha oileanach a' tighinn à dùthchannan eile.

Middlesbrough

Chaidh 200 oifigeach poileas à sgìrean eile a chur gu ruige Middlesbrough an dèidh bàs seachdnar air rathad an A66 an t-seachdain seo chaidh agus tachartasan eile san sgìre. Chaill nighean seachd bliadhna a dh'aois agus boireannach a bha càirdeach rithe am beatha ann an teine taighe a' bhòn-dè, agus aithrisean ann air ionnsaighean agus buaireadh eile. Tha poilis a' rannsachadh a bheil ceangal aca sin ri gràisgean eucoir.

Baidhseagalan is sgùtairean dealain

Tha figearan air an d' fhuair am BBC sealbh ag innse gun do chaill ochd duine deug am beatha ann an teine le baidhsagalan agus sgùtairean dealain sna bataraidhean aca air an t-seachd bliadhna mu dheireadh. Chaidh cha mhòr 700 a leòn, a rèir an fhiosrachaidh bho chòrr is 40 feachd-smàlaidh air feadh na Rìoghachd Aonaichte.

IVF

Bidh ath-sgrùdadh ann an seirbheisean torrachais a' beachdachadh air am faigh boireannaich shingilte leigheas IVF air an NHS an Alba. Dh'iarr Riaghaltas na h-Alba air eòlaichean rannsachadh a dhèanamh air còir bhoireannach air an leigheas agus ùine nas giorra a' feitheamh ri sìol donor no uighean. Bheir an sgrùdadh an ath-bhliadhna sùil cuideachd air leigheas torrachais a ghlèidheadh do bhoireannaich air a bheil leigheas aillse a' toirt buaidh.

NHS nan Eilean Siar

Dh'iarr NHS nan Eilean Siar air euslaintich a bhith fuireachail mu fhoill co-cheangailte ri sgrùdadh airson aillse broillich. Tha sin an dèidh do dh'euslainteach gearain gun d' fhuair iad post-dealain ag iarraidh dhealbhan agus bhideothan goirid an dèidh sgrìonadh airson aillse broillich. Thuirt NHS nan Eilean Siar gum bu chòir do dhuine sam bith a fhuair post-dealain den leithid sin a thoirt gu aire nam poileas.

Rìgh Harald

Chaochail Rìgh Harold ann an Nirribhidh. Bha e 89 's b' e am monarc a bu shine a bha san Roinn Eòrpa. Bha e san ospadal airson còrr is seachdain le truailleadh fala.