An t-strì 'son chòraichean-slighe air talamh prìobhaideach

Tha Oighreachd Chesthill a Tuath ag iarraidh air luchd-sreap gun thighinn fad dà mhìos as t-fhoghar
- Air fhoillseachadh
Tha còrr is 13,000 duine air ainm a chur ri athchuinge an aghaidh mar a tha oighreachd ann an Gàidhealtachd Pheairt a' làimhseachadh slighean gu ceithir beanntan Rothach.
Tha Oighreachd Chesthill a Tuath ag iarraidh gun seachain daoine na beanntan ann an Gleann Lìomhann san t-Sultain agus san Dàmhair, fhàd's a tha stalcaireachd fèidh a' dol.
Tha an carthannas Ramblers Scotland ag ràdh gu bheil sin a' cur bacadh mì-reusanta air luchd-coiseachd.
Tha an oighreachd a' cumail a-mach gu bheil an t-iarrtas aca laghail agus deatamach gus an obair a dhèanamh san dòigh as èifeachdaiche agus as sàbhailte.

Tha ceithir beanntan Rothach air an oighreachd a bhios a' tàladh nam mìltean luchd-coiseachd a h-uile bliadhna
Tha Càrn Gorm, Meall Garbh, Càrn Mairg agus Creag Mhòr a' tarraing nam mìltean de de luchd-coiseachd chun a' ghlinn a h-uile bliadhna.
Ach ged is e àite iomallach, bòidheach a th' ann do chuid, 's e cuideachd oighreachd a th' ann far a bheil obair ga dhèanamh gach là.
Agus tha na còraichean a th' aig agus na dleastanasan a th' air an dà chuid stiùirichean fearainn agus luchd-coiseachd aig cridhe an deasbaid a th' air nochdadh.
Tha iad sin gam mìneachadh ann an Còd Slighean Dùthchail na h-Alba, taobh a-muigh, a thàinig a-steach ann an 2005 mar thoradh air Achd Ath-Leasachaidh an Fhearainn (2003).

Tha Malcolm Combe, a sgrìobh an leabhar, 'The Scotways Guide to the Law of Access to Land in Scotland', na eòlaiche air an reachdas agus na tha e ag ràdh mu stalcaireachd fèidh.
Thuirt e: "Tha e cudromach smachd a chumail air àireamhan fèidh, airson chraobhan, an àrainneachd agus còraichean bheathaichean - ach tha còraichean-slighe cudromach cuideachd.
"Chan urrainn dha stiùiriche-fearainn rudeigin a dhèanamh dìreach airson stad a chur air na còraichean-slighe.
"Ma tha adhbhar fìor aig an stiùiriche-fearainn, feumaidh iad tagradh a dhèanamh airson saoradh fo earrann 11, ach tha siud mar as àbhaist airson banais no fèis-chiùil no rudeigin mar sin, chan eil e airson stalcaireachd fèidh."

Tha an oighreachd air na soidhnichean seo a chur suas am bliadhna
Nochd buaireadh ceangailte ris na puingean seo an-uiridh nuair a chuir Oighreachd Chesthill a Tuath, anns a bheil 2,600 heactair ann an Gleann Lìomhann, soidhnichean suas ag ràdh, 'No walking, we are stalking".
An dèidh mar a chaidh innse dhaibh nach robh an stiùireadh sin a-rèir an lagha, dh'atharraich iad na soidhnichean am-bliadhna.
Ged a tha iad fhathast ag iarraidh gun cùm luchd-coiseachd air falbh san t-Sultain agus san Dàmhair, tha iad ag ràdh gur e iarrtas a th' ann seach riaghailt.
Thuirt Alasdair Riddell, leis a bheil an oighreachd: "Tha sinn a-mhàin a' faighneachd gun seachain daoine an oighreachd bheag a tha seo airson dà mhìos gus nach tèid dragh a chur air ar beathaichean aig àm gu math cudromach dhan bhliadhna gu h-eaconamaigeach, nuair a tha aoighean againn."

Tha Alasdair Riddell, leis a bheil an oighreachd, ag ràdh gu bheil an t-iarrtas aca a chùm maith eaconamaidh a' ghlinn
Tha an oighreachd ag ràdh gu bheil iad cuideachd fo ìmpidh ùr, agus stiùireadh bho NàdarAlba ag iarraidh gun lùghdaich iad àireamhan fèidh bho 23 gu 16 gach cileamatair ceàrnagach taobh a-staigh trì bliadhna.
Ach a dh'aindeoin 's mar a nochd eas-aonta an-uiridh, tha iad ag ràdh gur e cho soirbheachail is a bha cùisean a tha gam fàgail leis a' mhodh-obrach seo am-bliadhna.
"Bha am poball math dha rìribh an-uiridh", thuirt Mgr Riddell.
"Thug iad an rùm sin dhuinn a bha a dhìth oirnn. Shocraich na beathaichean agus chunnaic sinn fèidh ann an àitichean nach fhaca sinn iad airson iomadach bliadhna.
"Bha e gu tur eadar-dhealaichte dhan fheadhainn a bha an seo airson an t-seusain."

The Ramblers Scotland ag ràdh gun lean an iomairt an oighreachd a chumail fosgailte do luchd-coiseachd
Ach tha Ramblers Scotland ag ràdh gu bheil an oighreachd a' feuchainn ri bacadh mì-chothromach a chur air luchd-coiseachd a-rithist am-bliadhna.
Tha ceist orra a bheil e fhathast laghail gu bheil làrach-lìn na h-oighreachd fhathast ag iarraidh air daoine na beanntan a sheachnadh eadar an t-Sultain agus an Dàmhair.
Tha an làrach-lìn cuideachd ag ràdh g' eil a' phàirc-chàraichean a bhios luchd-coiseachd a' cleachdadh dùinte sna mìosan seo.
"Is dòcha gun do dh'atharraich iad an tòna beagan," thuirt stiùiriche Ramblers Scotland, Brendan Paddy.
"Tha iad ag ràdh nach cleachd iad na soidhnichean a chleachd iad an-uiridh, ag ràdh 'No Walking, We Are Stalking", ach tha iad fhathast ag iarraidh gun seachain daoine an oighreachd airson dà mhìos.
"Mar sin chan eil an susbaint air atharrachadh ged a tha iad air atharrachaidhean beaga a dhèanamh nach eil ag atharrachadh na teachdaireachd nach eil fàilte air luchd-coiseachd."
A thuilleadh air seo, tha Ramblers Scotland ag ràdh gu bheil an dòigh anns a bheil an oighreachd a' làimhseachadh làithean far a bheil stalcaireachd ga dhèanamh cuideachd a' dol an aghaidh an lagha.

Tha Ramblers Scotland ag iarraidh gun cùm an oighreachd fios ri luchd-coiseachd mu stailcearachd fèidh bho là gu là
"Feumaidh iad a bhith soilleir mu cuin agus càite a bheil stalcaireachd a' tachairt bho là gu là," thuirt Mgr Paddy.
"Nuair a tha fios aca air sin, tha còir aca innse dha luchd-coiseachd càite dìreach a bheil sin a' tachairt.
"Ach bu chòir dhaibh cuideachd slighean eile a mholadh, a leigeas le daoine a dhol timcheall na sgìre far a bheil stalcaireachd a' tachairt."
Ann am bileagan a tha iad a' toirt a-mach do luchd-coiseachd, tha an oighreachd a-moladh bheanntan ann an sgìrean eile, seach na slighean eile a tha Còd nan Slighean Dùthchail ag ràdh a bu chòir a bhith gan cur air adhart.
Tha Alasdair Riddell ag ràdh gur e crùth agus meud na h-oighreachd a tha a' fàgail nach urrainn dhaibh an leithid a dhèanamh.
"'S e mo bheachd-sa, agus beachdan an fheadhainn eile a tha a' fuireach air an oighreachd bheag seo, nach eil seo comasach," thuirt e.
"Bheir e uimhir de bhacadh air a bhith a' coileanadh nan dleastanasan a th' oirnn bho NàdarAlba agus an obair a tha sinn a' feuchainn ri dhèanamh le aoighean.
"Oighreachdan nas motha, faodaidh iadsan slighean a bharrachd a mholadh," thuirt e.

Tha Ross Ewing bho Fhearann agus Oighreachdan na h-Alba ag ràdh gu bheil soidhnichean Chesthill a Tuath taobh a-staigh an lagha
Tha a' bhuidheann Fearann agus Oighreachdan na h-Alba ag ràdh gu bheil "na soidhnichean agus mar a tha na geataichean gan làimhseachadh air an oighreachd seo a-rèir Còd Slighean Dùthchail na h-Alba".
Thuirt Ross Ewing, fear de stiùrichean na buidhne: "'S e briseadh-dùil a th' ann an giùlan seo bho Ramblers Scotland fhaicinn, tha sinn dhan bheachd gur e iomairt stèidhichte air mì-fhiosrachadh a th' ann."
Thuirt neach-labhairt bho Chomhairle Pheairt is Cheann Rois, aig a bheil dleastanas a thaobh an reachdais, gu bheil iad mothachail dhan athchuinge.
Thuirt iad gum biodh dùnadh iomlan sam bith mì-laghail, agus gun gabh iad ceumannan iomchaidh gus slighean fhosgladh a-rithist ma bhios sin a dhìth.
Dhearbh NàdarAlba gu bheil iad air stiùireadh a thoirt dhan oighreachd a thaobh àireamhan fèidh.
Thuirt iad gu bheil iad ag iarraidh gun obraich an oighreachd gu dlùth leis an ùghdarras ionadail.
Thuirt Ramblers Scotland gun lean iad orra leis an athchuinge, airson sealltainn dhan oighreachd agus dha na h-ùghdarrasan cho làidir is a tha daoine a' faireachdainn mun chùis, agus gu bheil iad ag iarraidh fuasgladh a lorg.