Tidsear Gàidhlig ga iarraidh airson Loch Àlainn

Bun-sgoil Loch Àlainn
  • Air fhoillseachadh

Cuiridh Comhairle na Gàidhealtachd sanas a-mach airson neach-teagaisg Gàidhlig airson Bun-sgoil Loch Àlainn Dimàirt.

Tha dòchas ann gur i an 21mh sgoil air Ghàidhealtachd anns am bi foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

'S e ochdnar sgoilearan a th' anns a' bhun-sgoil.

An-dràsta, nan iarradh pàrantan anns a' Mhorbhairne an cuid chloinne a chur dhan sgoil as fhaisge anns a bheil foghlam Gàidhlig, dh'fheumadh iad an cur air an aiseag a Mhuile.

Leis an t-sanas a' tighinn a-mach ge-tà, tha dòchas ann nach fhada gus an atharraich sin agus gus an cluinnear a' Ghàidhlig uair eile san sgoil ann an Loch Àlainn.

Chaidh a ràdh roimhe gun robh Comhairle na Gàidhealtachd an dùil gum biodh FtMG ri fhaighinn san sgoil bhon Lùnastal 2025.

Thòisich pàrantan a' bruidhinn mun mholadh seo bho chionn dà bhliadhna.

Catriona Labhraidh
Fo-thiotal an deilbh,

Catriona Labhraidh

"Tha seo fìor mhath dhan sgìre agus tha sinn an dòchas gur e cothrom math a th' ann do thidsear gluasad an seo cuideachd," thuirt tè dhe na pàrantan sin, Catriona Labhraidh.

"Tha sinn cho fortanach an seo gu bheil taic anns a' choimhearsnachd agus bho na pàrantan uile airson aonad Gàidhlig.

"'S e coimhearsnachd shònraichte a th' ann an Loch Àlainn - tha tòrr a' dol agus tha daoine taiceil dha na planaichean seo dhan sgoil."

Thuirt i gum faodadh eadar ochdnar is naoidhnear chloinne tòiseachadh anns an aonad Ghàidhlig thairis air an ath cheithir bliadhna.

Erin McHale
Fo-thiotal an deilbh,

Erin McHale

Thuirt pàrant eile, Erin McHale, gum bu chòir do Loch Àlainn a bhith tarraingeach do thidsear is i ag ràdh gu bheil an t-uabhas a' dol anns an sgìre agus gu bheil ceanglaichean math aca gu àitichean eile.

"'S e àite sgoinneil a th' ann, le coimhearsnachd air leth," thuirt i.

Thuirt prìomh thidsear na sgoile, Heather Pykett, gum bi buannachd ann dhan sgoil air fad agus gum bi an gluasad math dhan choimhearsnachd.

"Tha a' Ghàidhlig cho cudromach do choimhearsnachd mar seo - bheir e cothrom do chloinn ionnsachadh tro mheadhan na Gàidhlig agus gheibh clann a tha a' dol tro mheadhan na Beurla eòlas air nithean Gàidhlig cuideachd.

"Bidh e garbh cudromach agus bidh e math cuideigin eile fhaighinn anns an sgoil, clann a bharrachd ... cruthaichidh e àrainneachd àlainn dhan chloinn is dhan choimhearsnachd."

Heather Pykett
Fo-thiotal an deilbh,

Heather Pykett