Dùinidh dàrna loidhne-rèile ainmeil air a' Ghàidhealtachd 'son obair-leasachaidh

Bidh an loidhne eadar an Caol agus Inbhir Pheofharain dùine airson trì seachdainean
- Air fhoillseachadh
Dùinidh dàrna loidhne-rèile ainmeil air a' Ghàidhealtachd airson obair-chàraidh.
Bidh an t-slighe eadar Inbhir Pheofharain agus Caol Loch Aillse dùinte airson trì seachdainean bho thoiseach na Samhna.
Bithear a' dèanamh obair-leasachaidh aig grunn àitichean, nam measg Viaduct Carrann agus stèisean-rèile Inbhir Nis.
Tòisichidh an obair a chosgas £9m cola-deug an dèidh mar a bhios Loidhne-Rèile Thaobh Siar na Gàidhealtachd dùinte fad naoi là airson a dhèanamh nas seasmhaiche an droch shìde.

Thèid obair-leasachaidh cuideachd a dhèanamh aig stèisean-rèile Inbhir Nis
Ann an Inbhir Nis bidh luchd-einnseanairidh a' cur sìos rèilichean agus trasnain ùra, agus nì iad ùrachadh air uidheamachd a tha a' leigeil le trèanaichean gluasad eadar slighean fa leth.
Thèid faisg air ceithir mìle den loidhne ùrachadh aig grunn làraichean, nam measg eadar Drochaid Welsh's agus crois-rèile fhosgailte Sràid Ròis an Inbhir Nis, Achadh nan Allt agus Rosebank faisg air Achadh na Sìne, agus eadar Srath Charrann agus Port an t-Sròim.
Bidh leasachadh ga dhèanamh air drèanaichean le cùlbhartan ùra gan cur ann eadar Inbhir Pheofharain, Achadh na Sìne agus Port an t-Sròim.
Bu chòir gum fàg an obair nach toir an droch shìde uimhir de bhuaidh air an loidhne-rèile.
Cha bhi trèanaichean a' ruith eadar Inbhir Pheofharain agus Caol Loch Aillse eadar an 28mh den t-Samhain agus 18mh den Dùbhlachd.
Loidhne-rèile Thaobh Siar na Gàidhealtachd a' dùnadh san t-Samhain 'son obair-leasachaidh
- Air fhoillseachadhBho chionn 6 làithean
Thuirt Gerry McQuade bho Network Rail Scotland: "Tha loidhne a' Chaoil air tè de na slighean as bòidhche agus cudromaiche an Alba, a' ceangal choimhearsnachdan air feadh na Gàidhealtachd.
"Bidh am pròiseact £9m seo a' leigeil leinn obair mhòr a dhèanamh ann an ùine ghoirid, a' cumail na loidhne-rèile sàbhailte agus seasmhach airson an àm ri teachd."
Bidh Loidhne Thaobh Siar na Gàidhealtachd, a tha a' ceangal Malaig is an t-Òban ri Glaschu, cuideachd dùinte airson naoi là san t-Samhain airson obair-leasachaidh luach £13m.
Bithear ag obair aig grunn làraichean eadar Baile Eilidh, An Gearasdan agus Malaig airson an t-slighe a dhèanamh nas seasmhaiche nuair a bhios droch aimsir ann.