Naidheachdan 11:00m
Neo-eisimeileachd na h-Alba
Sgrìobh am Prìomh Mhinistear, John Swinney, dhan Phrìomhaire le fiathachadh gu còmhradh mu bhun-reachd na h-Alba. Bha coltas, a rèir 's na thuirt Andy Burnham an-dè, gum faodadh referendum a bhith ann nam biodh dearbhadh ann gu follaiseach, thuirt e, air taic phoblach airson neo-eisimeileachd. Thuirt Sràid Downing ge-tà bhon uairsin nach bi referendum eile ann.
Taghaidhean Meadhan-teirm
Gheall an Ceann-suidhe Trump $5,000 dhan a h-uile h-inbheach Aimeireaganach ma ghlèidheas na Poblachdaich na taghaidhean meadhan-teirm san t-Samhain. Chan eil e follaiseach cò às an tigeadh an t-airgead airson sin neo am biodh e laghail sin a dhèanamh. Thuirt na Deamocrataich nach eil aig Mgr Trump ach cleas airson aire a tharring bho chùisean nas cudromaiche.
Sealg a' Ghuga
Cho-dhùin Comataidh nan Athchuingean Poblach ann am Pàrlamaid na h-Alba gum fàg iad fosgailte athchuinge ag iarraidh casg air sealg a' ghuga. Thuirt ball nan Eilean Siar, Dòmhnall MacFhioghain, a dh'iarr an ath-chuinge a dhùnadh, gu bheil a' chùis a' dèanamh dragh mòr do mhuinntir na roinne aige agus do mhuinntir Nis gu h-àraidh. Tha còrr is 110,000 ainm air an athchuinge. Bidh a' chomataidh ge-tà a' trusadh tuilleadh fianais agus bidh buill a' beachdachadh air cuireadh a dhol a Leòdhas.
Colaistean Albannach
Thuirt Buidheann-sgrùdaidh na h-Alba gu bheil colaistean na dùthcha a' strì ri cion airgid agus gun tàinig air còig dhiubh taic iarraidh ann an èiginn an-uiridh. Sheall na figearan o Bhuidheann-sgrùdaidh na h-Alba beàrn de £5.6m eadar na colaistean gu lèir an-uiridh ged a bha àrdachadh 9% ann an taic Riaghaltas na h-Alba dhaibh.