Moladh air na Barraich òga a tha air diofar a dhèanamh

Deugairean Bharraigh
Fo-thiotal an deilbh,

Chuir an còignear romhpa triathlon a dhèanamh eatorra le bhith a' ruith, a' snàmh 's a' rothaireachd airson 60 mionaidean airson airgead a thogail do charthannas

LeShona NicDhòmhnaill
BBC NaidheachdanAg aithris àBarraigh
  • Air fhoillseachadh

Chaidh còignear dheugairean à Barraigh ainmeachadh air geàrr-liosta Duaisean Dèan Diofar aig BBC Radio nan Gàidheal.

Chan e a h-uile duine a nì ruith, snàmh no rothaireachd airson uair a thìde gun abhsadh, ach 's e sin a rinn an còignear airson airgead a thogail a chomharrachadh 60 bliadhna den bhuidhinn charthannais SCIAF.

Bidh a' bhuidheann ri obair cobhair thall-thairis, agus thèid an t-airgead a chaidh a thogail ann am Barraigh a chleachdadh gus uisge glan a thoirt do dhaoine ann an Etiòipia.

Rinn na deugairean triathlon eatorra, le feadhainn a' snàmh airson 60 mionaid, feadhainn ri rothaireachd, 's feadhainn a' ruith - aon mhionaid airson gach bliadhna a tha SCIAF (Maoin Chobhair Eadar-Nàiseanta Chaitligeach na h-Alba) air a bhith a' dol.

Chuir prionnsabal Sgoil Bhàgh a' Chaisteil na deugairean - Robbie, Rowan, Lewis, Scott is Ross - air adhart airson Duaisean Dèan Diofar aig BBC Radio nan Gàidheal.

Suzanne Forman
Fo-thiotal an deilbh,

B' i prionnsabal Sgoil Bhàgh a' Chaisteil, Suzanne Forman, a chuir air adhart iad

"Rinn mo bhràthair 's mo cho-ogha rothaireachd, 's rinn mise 's mo cho-ogha snàmh airson uair a thìde - tha SCIAF air a bhith ann 60 bliadhna, 's mar sin, 60 mionaid," thuirt Robbie.

"Tha Robbie air co-fharpaisean a dhèanamh, 's mar sin tha e caran nas fheàrr na mi fhèin," thuirt Lewis, a bha san amar-snàimh còmhla ri Robbie.

"Cha bhi mise a' snàmh cho tric sin. Ach bha e math."

'S e an t-amas a bh' aca astar cho fada 's a b' urrainn dhaibh a dhèanamh san ùine a chuir iad romhpa.

"Saoilidh mi gun do rinn mi beagan a bharrachd air trì cilemeatar san amar," thuirt Robbie.

"Rinn mi 13 cilemeatar saoilidh mi," thuirt Rowan, a bha a' ruith.

"Chaidh mi bho mhullach tè de na beanntan againn sìos chun a' chladaich, a bha caran math."

Ruith Rowan o mhullach an rathaid aig Hèabhal gu ruige Port-adhair Bharraigh air an Tràigh Mhòir an ceann a tuath an eilein.

Robbie is Lewis san amar-snàimhTùs an deilbh, SCIAF
Fo-thiotal an deilbh,

Ghabh Robbie is Lewis dhan amar-snàimh 'son am pàirt-san den dùbhlan

'S ann an Uibhist is Beinn na Faoghla a rinn Scott is Lewis an dùbhlan acasan.

"Thòisich sinn aig an eaglais ann am Beinn na Faoghla, 's chaidh sinn air na rothairean gu cho faisg air a' phort-aiseig 's a b' urrainn dhuinn fhaighinn ann an 60 mionaid," thuirt Lewis.

Bha adhbhar sònraichte aca a bhith ann an Uibhist, seach ann am Barraigh.

"Bha an aimsir caran dona an là sin. Clachan meallain 's an leithid," thuirt Lewis.

"Bha sinn ann an Uibhist co-dhiù, 's tha e nas rèidh 's nas fhasa a chlàradh 's a h-uile càil."

Scott is Lewis air an rathad ann an UibhistTùs an deilbh, SCIAF
Fo-thiotal an deilbh,

Chuir Scott is Lewis an aghaidh ri aimsir ghairbh ann an Uibhist airson falbh cho fada 's a b' urrainn dhaibh air na rothairean aca

"Tha mi a' faireachdainn gur e còir bhunaiteach a th' ann uisge glan a bhith agad," thuirt Rowan.

"Tha e dìreach gam fhàgail cho brònach nach eil sin ri fhaighinn do chuid san t-saoghal."

'S iongantach do Ross ciamar a dhèanadh duine a' chùis às aonais uisge ghlan.

"Tha mo bheatha-sa air a togail timcheall air uisge - feumaidh tu stuth a ghlanadh, 's bidh thu gad nighe fhèin, ag òl, ga chleachdadh ann an còcaireachd," thuirt e.

"Bidh sinn ga chleachdadh airson uiread, 's saoilidh mi gum biodhmaid nar n-èiginn às aonais, oir tha sinne cho cleachdte ris.

"Bidh iad ag obair cho cruaidh airson lorg fhaighinn air uisge, 's mar as àbhaist chan eil e cho glan sin.

"Tha e cho brònach gum feum iad cho beag a chosnadh cho cruaidh."

Rowan a' ruighinn an deiridh air an Tràigh MhòirTùs an deilbh, SCIAF
Fo-thiotal an deilbh,

Ruith Rowan 13 cilemeatar ann am Barraigh

"Tha iad gu math gnìomhach. Clann laghach dha-rìribh," thuirt ceannard Sgoil Bhàgh a' Chaisteil, Suzanne Forman.

"Bidh iad a' conaltradh cho math rinne mar inbhich is luchd-obrach, 's tha iad cho freagarrach air rud sam bith a dh'iarramaid orra a dhèanamh.

"Tha iad an sàs sa h-uile càil 's cho deònach cuideachadh. 'S e an dealas aca spòrs.

B' e gun do rinn iad an dùbhlan ann an aimsir cho dona a thug buaidh gu h-àraid air Ms Forman.

"Nuair a chunnaic mi gun robh iad air a dhèanamh a dh'aindeoin na h-aimsire uabhasaich a bha sin - bha e cho buileach dona an là sin 's rinn iad e co-dhiù - tha sin a' sealltainn dhut na tha de spionnadh aca," thuirt i.

"Bha iad air dùbhlan a chur romhpa fhèin, 's rinn iad e."