"Uaireannan cha bhi daoine ag èisteachd rium dìreach air sgàth 's gur e boireannach a th' annam"

Chrissie NicGilleÌosa
  • Air fhoillseachadh

Bidh bùithean-obrach air-loidhne aig a' bhuidhinn Elect Her Diardaoin feuch boireannaich a bhrosnachadh seasamh airson a bhith nan comhairlichean.

Tha Elect Her ag ràdh nach eil ach 35% de chomhairlichean na h-Alba nam boireannaich is nach eil sin idir math gu leòr.

Tha iad a' feuchainn ri boireannaich a mhisneachadh air thoiseach air taghaidhean ionadail na h-Alba an ath-bhliadhna.

Am measg na tha ag obair còmhla riutha tha Comhairle nan Eilean Siar.

Tha dithis chomhairlichean boireann aig CnES an-dràsta à 29 comhairlichean uile gu lèir.

San teirm ron sin cha robh boireannaich idir air Comhairle nan Eilean Siar.

Ged a tha an suidheachadh beagan nas fheàrr aig Comhairle na Gàidhealtachd, tha boireannaich gu mòr sa bheag-chuid an sin cuideachd.

Nam measg tha Chrissie NicGilleÌosa.

Chaidh Ms NicGilleÌosa a thaghadh mar chomhairliche do uard Eilean a' Cheò ann am fo-thaghadh an-uiridh.

Bha i fhèin air taic is comhairle fhaighinn bho Elect Her mus do sheas i.

"Bha iad gu math taiceil, bha an t-uabhas de dh'fhiosrachadh is stiùireadh aca nuair a bha mi a' feuchainn ri dòigh a lorg gus pàirt a ghabhail, gu h-àraidh air sgàth 's gu bheil mi neo-eisimeileach," dh'innis i do BhBC Naidheachdan.

"Tha Elect Her ann gus dèanamh cinnteach gu bheil taic ann nuair nach eil thu cinnteach is nuair a tha ceistean agad."

Bruidhinnidh Chrissie aig tè de na bùithean-obrach Diardaoin mun obair aice mar chomhairliche, mu na tha i air ionnsachadh, is cuideachd mu dhraghan is cnapan-starra.

Chrissie NicGilleÌosa
Fo-thiotal an deilbh,

Chrissie NicGilleÌosa air an là a chaidh a taghadh mar chomhairliche

Ged a tha i ag ràdh gu bheil obair comhairliche a' còrdadh rithe gu mòr, tha i ag aideachadh gu bheil duilgheadasan air a bhith ann.

"Feadhainn de na coinneamhan, tha e gu math gu math duilich puingean a thogail.

"Uaireannan cha bhi daoine ag èisteachd rium dìreach air sgàth 's gur e boireannach a th' annam.

"Tha e doirbh is tha e eagallach a bhith ag obair nad bhoireannach, leam fhèin, ann an coinneamhan.

"Ach aig an aon àm, feumaidh tu a dhol ann is do dhìcheall a dhèanamh airson nan coimhearsnachdan, airson na sgìre is airson nan daoine.

"Tha spionnadh annam is tha e ag obair dhomhsa, ach tha mi a' tuigsinn carson nach eil airson a h-uile duine."

Tha Chrissie den bheachd gu bheil cùisean a' fàs nas fheàrr, fiù 's bho chaidh i fhèin na comhairliche, ach gu bheil slighe ri dhol fhathast.

Tha i ag ràdh gu bheil feum air barrachd taic.

Is a dh'aindeoin gu bheil na dùbhlain seo air a bhith ann aig amannan, tha i gu mòr a' moladh do bhoireannaich eile a dhol an sàs ann am poileataigs ionadail.

"Feuch e"

"Feuch e is cum ort," thuirt i.

"Bruidhinn rium fhin, bruidhinn ri Elect Her.

"Tha boireannaich air a bhith air a' chomhairle fad bhliadhnaichean a-nise is tha mi a' faicinn gu bheil na boireannaich gu math inntinneach nuair a tha thu a' bruidhinn riutha.

"Tha adhbhar ann gu bheil sinn feumach air barrachd bhoireannach ann am poileataigs."

Gheibhear barrachd fiosrachaidh mu na bùithean-obrach aig Elect Her an seo, taobh a-muigh.