"Bòrd slàinte fa leth a dhìth dhan cheann a tuath"

Bha Boyd Robastan na chathraiche air NHS na Gàidhealtachd eadar 2019 agus 2023
- Air fhoillseachadh
Tha fear a bha roimhe na chathraiche air NHS na Gàidhealtachd ag ràdh gu bheil planaichean an Riaghaltais airson an àireamh de bhùird slàinte ann an Alba a lùghdachadh dualtach buaidh mhòr a thoirt air euslaintich ann an sgìrean dùthchail.
Dh'fhoillisch am Prìomh Mhinistear Iain Swinney planaichean nas tràithe den t-seachdain seo gus na bùird-slàinte air tìr-mòr na h-Alba a ghearradh bho 11 gu 2, le aon bhòrd airson an taobh an ear agus bòrd eile airson an taobh an iar.
Tha Boyd Robastan ag ràdh gu bheil dragh air gun tèid guth nan coimhearnsachdan iomallach a mhùchadh fo na planaichean is iad a' toirt sgìrean cho eadar-dhealaichte còmhla.
Thuirt e gum bu chòir bòrd-slàinte fa leth a bhith ga chruthachadh airson ceann a tuath agus ear-thuath na dùthcha a fhrithealadh, ri linn 's gu bheil barrachd a' ceangal nan sgìrean sin ri chèile.

Bha Boyd Robastan na chathraiche air NHS na Gàidhealtachd aig àm pandemic Chovid-19
Bha an t-Ollamh Robastan na chathraiche air Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd eadar 2019 agus 2023 agus e air an ùghdarras a' stiùireadh tro na bliadhnaichean nuair a bha Covid-19 aig àirde.
Thuirt e nach eil e a' faicinn bhuannachdan sam bith sna planaichean a tha an riaghaltas a' cur air adhart agus gu bheil e duilich fhaicinn cò às a thig na sàbhalaidhean air a bheil iad ag amas.
Gheall am Prìomh Mhinistear Dimàirt nach cailleadh duine sam bith an dreuchd an aghaidh an toil fo na molaidhean.
"Mura bi obraichean gan call, cò às a thig na sàbhalaidhean a tha a dhìth air an riaghaltas?
"Tha mise den bheachd gum bu chòir co-dhùnaidhean a bhith air an ruighinn cho faisg air na daoine agus as urrainn a bhith, agus chan urrainn sin tachairt mura bi ìre eile fo na bùird mhòra.
"Tha sgìre NHS na Gàidhealtachd mar-thà a' frithealadh àitichean le astaran mòra eatorra, agus is ann nas motha dh'fhàsas sin bho na structaran a tha gan cur air adhart."

Tha dragh air an Oll. Robastan gum biodh guthan choimhearsnachdan iomallach gam mùchadh fo na planaichean
Thuirt an t-Oll. Robastan, le cho farsaing 's a tha sgìre NHS na Gàidhealtachd, gum faodadh e cron a dhèanamh nan dèidheadh a chur còmhla ri sgìrean gu math eadar-dhealaichte aig deas.
Mhol e an àite sin a cur còmhla le NHS Roinn a' Mhonaidh airson bòrd a bhiodh a' frithealadh a' chinn a tuath.
"'S iad na h-euslaintich a tha cudromach agus tha mòran dhiubh aig an ìre seo fhèin a' dol bhon Ghàidhealtachd gu Obar Dheathain.
"Saoilidh mi mar sin gu bheil e nàdarrach gum biodh ceann a tuath na h-Alba còmhla.
"Aige sin fhèin bhiodh còrr air leth chuid de dh'Alba air a thoirt a-steach agus cha bhiodh an sluagh cho dùmhail agus a tha e ann an sgìrean mu dheas, gu h-àraid timcheall air Glaschu.
Thuirt e gum biodh seo air a dhèanamh cho math ri co-dhiù dà bhòrd eile anns a' chòrr den dùthaich.
Thuirt e gum bu chòir do mhuinntir na Gàidhealtachd an guthan a thogail mu na planaichean agus a' bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith aca orra.
"Tha co-chonaltadh a' dol a ghabhail àite agus tha e fìor chudromach gun innis poball na Gàidhealtachd dhan Riaghaltas dè a tha a dhìth orrasan, mus cuirear rudeigin air chois a dh'fheumas iad gabhail ris."
Tha BBC Naidheachdan air beachd iarraidh bho Riaghaltas na h-Alba.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadhBho chionn 23 uair
