Taic do dh'Ùghdarrasan Singilte Eileanach am Prògram an Riaghaltais

- Air fhoillseachadh
Tha Riaghaltas na h-Alba a' gluasad a dh'ionnsaigh Ùghdarrasan Singilte Eileanach a stèidheachadh mar phàirt de chrathadh air buidhnean poblach na dùthcha.
Dh'fhoillsich am Prìomh Mhinistear Dimàirt ann am Prògram an Riaghaltais gu bheil iad airson an àireamh de bhùird-shlàinte air tìr-mòr na h-Alba a ghearradh bho 11 gu dìreach 2.
Tha dùil gum bi bòrd ann airson taobh siar na dùthcha agus fear airson an taobh sear.
Thuirt Iain Swinney gum fàgadh seo gum faigheadh euslaintich cothrom nas fheàrr air cùram agus gun rachadh neo-ionannachd a lùghdachadh.
Tha e ag ràdh gur e "an t-atharrachadh structarail as cudromaiche san NHS bho chaidh fèin-riaghlaidh a chur an sàs".
Ach tha an riaghaltas a' coimhead ri planaichean fa leth dha na trì bùird-shlàinte eileanach.
Thuirt Mgr Swinney gum feum aithne a thoirt air feumalachdan sònraichte coimhearsnachdan eileanach na h-Alba.
Thuirt e gum biodh sin a' toirt a-steach planaichean airson modail Ùghdarras Singilte a thoirt air adhart.
Ùghdarras Singilte Eileanach "nas fhaisge na bha e riamh"
- Air fhoillseachadh15 An t-Iuchar 2025
Eas-aonta mu ùghdarras shingilte anns na h-Eileanan an Iar
- Air fhoillseachadh16 An Dùbhlachd 2025
Riaghaltas na h-Alba a' coimhead air buidhnean aiseig a chur còmhla
- Air fhoillseachadhBho chionn 1 latha
Ged nach robh mìneachadh aig Mgr Swinney Dimàirt, tha BBC Naidheachdan a' tuigsinn mar sin gum biodh na bùird-shlàinte eileanach air am fighe a-steach gu ùghdarrasan singilte ùra còmhla ris na comhairlean ionadail aca.
Tha Comhairle nan Eilean Siar gu sònraichte air taic làidir a chur ris a' mhodail seo anns na bliadhnaichean mu dheireadh.
A' bruidhinn às dèidh do dh'Iain Swinney Prògram an Riaghaltais fhoillseachadh Dimàirt, thuirt ceannard CnES gur e ceum air adhart a th' ann.
"Tha sinn a' cur fàilte air an naidheachd gu bheil Prògram an Riaghaltais air taic a chur ri Ath-leasachadh ann an Seirbheisean Poblach agus ri Modailean Ùghdarrasan Singilte," thuirt Pòl Steele.
"'S e beachd Comhairle nan Eilean Siar gu bheil ath-leasachadh ann an seirbheisean poblach comasach air fuasglaidhean fhaighinn dha tòrr de na dùbhlain a th' ann a thaobh seirbheisean poblach a thoirt seachad anns na h-Eileanan an Iar.
"Bidh Comhairle nan Eilean Siar a' leantainn oirnn ag obair gu dlùth le Riaghaltas na h-Alba air seo is bidh sinn gu mòr an sàs sa cho-chomhairle a bhios ann".

"Cùisean a' gluasad gu math luath"
A' bruidhinn air Aithris na Maidne Diciadain, thuirt Fear-gairm CnES gu bheil iad fhèin is Bòrd Slàinte nan Eilean Siar air a bhith ag ullachadh airson a' ghluasaid seo airson beagan bhliadhnaichean.
"Tha fios againn nach b' urrainn dha cùisean cumail a' dol mar a bha iad far a bheil an t-ionmhas a' tuiteam bliadhna às dèidh bliadhna agus dh'fheumadh leasachadh mòr a thighinn air mar a tha seirbheisean poblach air an lìbhrigeadh," thuirt Mgr MacLeòid.
"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil sinn a' dol a dh'fhaicinn chùisean a' gluasad gu math luath airson a' Chomhairle agus Bòrd Slàinte nan Eilean Siar a thoirt còmhla - agus cuideachd a bhith a' coimhead 's dòcha ri buidhnean poblach eile a thoirt a-steach dhan chùis cuideachd."
Thuirt Mgr MacLeòid gun tèid an àireamh de cheannardan a ghearradh is gum biodh e comasach airgead a rachadh a shàbhaladh a chosg gus seirbheisean is cùram a leasachadh.
Dh'innis e cuideachd gun do chuir Rùnaire Ath-Leasachadh nan Seirbheisean Poblach, Ivan McKee, fios air Comhairle nan Eilean Siar Dimàirt fhèin is e airson coinneachadh riutha cho luath 's a ghabhas 'son cùisean a ghluasad air adhart.

Ann am brath Diciadain thuirt Bòrd Slàinte nan Eilean Siar gu bheil iad mothachail air na thuirt am Prìomh Mhinistear is gu bheil iad a' feitheamh air fiosrachadh nas mionaidiche mu na planaichean agus mu cho-chomhairle.
"Ged a tha e follaiseach gu bheil cruth-atharrachadh san amharc dha bùird-shlàinte na h-Alba, chan eil fiosrachadh ann aig an ìre seo air dè dìreach a tha sin a' ciallachadh do choimhearsnachdan eileanach," thuirt neach-labhairt.
"Thèid NHS nan Eilean Siar an sàs ann an còmhraidhean is nì sinn argamaid làidir airson feumalachdan nan eilean againn.
"'S e am prìomh amas a bhios againn dèanamh cinnteach gu bheil cùram sàbhailte aig aig àrd-ìre is le co-dhùnaidhean air an dèanamh aig ìre ionadail aig cridhe phlanaichean sam bith.
"Bidh fòcas againn cuideachd air sealltainn gu bheil dùbhlain is cothroman sònraichte ann an sgìrean eileanach, a' toirt a-steach rudan sòisealta is eaconamach a tha a' toirt buaidh air àireamh an t-sluaigh, luchd-obrach fhastadh is a chumail, agus cho seasmhach 's a tha seirbheisean ionadail."
Ceistean air a' Ghàidhealtachd
Tha cuid air a' Ghàidhealtachd mar-thà air dragh a thogail mun bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith ann ma thèid na planaichean air adhart is gun tèid NHS na Gàidhealtachd à bith.
Nam measg tha Mìcheal Foxley, a bha roimhe na dhotair, na fhear-gairm air Comhairle na Gàidhealtachd agus na bhall de Bhòrd Slàinte na Gàidhealtachd.
"Ma tha bòrd slàinte airson taobh siar na h-Alba gu lèir, am bi An Gearasdan, Gallaibh is Ceann Loch Gilb na phrìomhachas dhaibh?," thuirt an Dr Foxley.
"Tha e doirbh mar-thà leis an t-structar a th' againn.
"Tha e gu math doirbh fhaicinn leis na h-àireamhan is astaran a bhios ann, ciamar a bhios sinn a' farpais ri Glaschu is na sgìrean timcheall.
"Sin far a bheil sluagh is sin far an tèid an t-airgead is leasachaidhean sam bith a bhios ann".