Naidheachdan 11:00m
Comhairle Baile Ghlaschu
Tha dùbhlan le cion airgid aig Comhairle Baile Ghlaschu le beàrn de £130m air a' char as lugha sa bhuidseat airson na h-ath-bhliadhna-ionmhais. Tha Coimisean nan Cunntasan ag ràdh gu bheil an t-ùghdarras ionadail aig ìre èiginn 's gum feum iad ceannas làidir agus plana ionmhais soilleir.
Caolas Shasainn
Fhuair rannsachadh a rinn am BBC gur e cho gann 's a tha bàtaichean beaga RIB as coireach gu bheil feadhainn a tha ri inimreachas mì-laghail às an Fhraing a' cleachdadh bhàtaichean nas motha a-nise air Caolas Shasainn. Tha an Fhraing a' cur 45 oifigear poilis a bharrachd air costa a tuath na dùthcha airson feuchainn ri stad a chur air na bàtaichean. Tha Ceann-Suidhe na Fraing, Emmanuel Macron, air aoigheachd aig a' Phrìomhaire, Andy Burnham, aig Sràid Dhowning an-diugh.
Dìon
Dh'innis na Tòraidhean gun gearradh iad buidseat nan sochairean airson tighinn air an targaid airson 3% de thoradh eaconomach na dùthcha a chosg air dìon ron bhliadhna 2030. Bhiodh sin a' ciallachadh tilleadh gu casg gu dithis air sochair na cloinne. Thuirt an Riaghaltas nach cuir poileasaidhean cugallach Tòraidheach dìon ceart air an dùthaich.
Zack Polanski
Dh'innis ceannard Phartaidh Uaine Shasainn agus na Cuimrigh, Zack Polanski, gun seas e ann am fo-thaghadh Holborn agus St Pancras. Sin an roinn ann an Lunnainn a bha Sir Keir Starmer a' riochdachadh gus an do leig e dheth a dhreuchd mar Bhall-Pàrlamaid a' bhòn-dè.
Iran
Thuirt Kuwait gun do chuir iad stad air ionnsaighean urchair agus dròna às Iran. Thuirt telebhisean stàite Iran gun robh iad ag amas air ionadan airm Aimeireaganach ann an Kuwait mar dhìoghaltas airson eucoir Aimeireaganach an aghaidh sluagh Iran.
An Cuan a Tuath
Tha mu 800 duine a tha ag obair anns a' Chuan a Tuath fhathast ro throm airson cead siubhail ann an heileacoptair nuair a thig riaghailtean ùra gu bith. Tha na laghan ùra a thaobh slàinte nam biodh èiginn ann a' tòiseachadh air a' chiad là den t-Samhain.