Athchuinge ag iarraidh casg buileach air Sealg a' Ghuga ga cumail fosgailte

- Air fhoillseachadh
Cho-dhùin comataidh aig Pàrlamaid na h-Alba gun athchuinge a tha ag iarraidh nach bi cead tuilleadh aig muinntir Nis a dhol a-mach a shealg a' ghuga a dhùnadh.
Bha buill Comataidh nan Aththuingean a' beachdachadh air an tagradh aig Rachel Bigsby gum bu chòir sguir den t-seann chleachdadh gu tur.
Tha an t-iarrtas, taobh a-muigh aig an neach-dhealbh fiadh-bheatha air taic mhòr fhaighinn bho dhaoine a tha a' seasamh chòraichean bheathaichean, a' bhuidheann Protect the Wild nam measg.
Tha an cleachdadh air a dhìon fon lagh, ach feumaidh na sealgairean cur a-steach airson cead a dhol a Shùlasgeir a h-uile bliadhna.
Dhiùlt NàdarAlba sealg na bliadhna-sa a cheadachadh san Ògmhios leis nach urrainn dhaibh a bhith cinnteach nach toireadh an t-sealg droch bhuaidh air àireamh nan sùlairean san eilean bheag chreagach mu 40 mìle iar-thuath air ceann a tuath Leòdhais.
Ge-tà, thàinig e am follais tro iarrtas Achd Saorsa an Fhiosrachaidh gun robh cuid de dh'oifigich na buidhne riaghaltais air moladh roimhe cead a thoirt 500 eun a mharbhadh.
Nì buill-phàrlamaid cnuasachadh air tagradh Sealg a' Ghuga a chasg buileach
- Air fhoillseachadhBho chionn 9 uairean
Feumar sguir de Shealg "bhorb" a' Ghuga a rèir luchd-strì
- Air fhoillseachadh9 Am Faoilleach
Tha deasbad sradagach air a bhith ann sna beagan mhìosan a dh'fhalbh eadar luchd-taice na seilge agus an fheadhainn a tha na h-aghaidh.
Tha muinntir Nis a' cumail a-mach gu bheil an t-sealg mar phàirt den dualchas aca, ach tha luchd-strì den bheachd gur e "spòrs fhuilteach" a th' innte.
Tha còrr is 110,000 ainm air an athchuinge air an robh a' chomataidh a' beachdachadh Diardaoin.
Dh'iarr BPA nan Eilean Siar, Dòmhnall MacFhionghain, air na buill an athchuinge a dhùnadh.
Thuirt e: "Tuigidh mi draghan an athchuingiche ach chan urrainn dhomh gun feairt a thoirt air an iomairt san fharsaingeachd a rinn dubh-chàineadh air coimhearsnachd Nis.
"Rinn iad dealbh dhiubh mar dhaoine mì-adhartach agus rinn seo lèireadh air tòrr den luchd-bhòtaidh."
Dòchas gun tig bòrd NàdarAlba a Nis a mhìneachadh carson nach do cheadaich iad sealg a' ghuga
- Air fhoillseachadh3 An Lùnastal
CnES a' cur taic ri Sealg a' Ghuga
- Air fhoillseachadh17 An t-Ògmhios
Ge-tà, mhol ball an SNP Dàibhidh Torrance an athchuinge a chumail fosgailte leis gu bheil na h-uimhir de dh'ùidh innte air feadh na dùthcha.
Chuir Devon Docherty bho Protect the Wild fàilte air co-dhùnadh na comataidh.
Thuirt i: "Tha cead aig Dòmhnall MacFhionghain bruidhinn às leth muinntir na roinne-pàrlamaid aige ach tha ceist orm carson nach eil e a' riochdachadh bheachdan luchd-bhòtaidh nach eil ag aontachadh gum bu choir dhan t-sealg a dhol air adhart agus a dh'iarr air bruidhinn air an son."
Thèid an tuilleadh fianais a-nise a chruinneachadh mun chuspair bhon athchuingiche, NàdarAlba agus eileanaich.
Beachdaichidh a' chomataidh cuideachd air cuireadh a thugadh dhaibh a dhol dha na h-eileanan mar phàirt den obair aca.