Dragh mu riochdachadh coimhearsnachd aig coinneamhan mu champas ùr Mhuile

- Air fhoillseachadh
Tha dragh air luchd-iomairt agus comhairliche ann am Muile mu mar a tha beachd na coimhearsnachd air làrach sgoile ùir an eilein ga chur air adhart, agus dùil ri coinneimh a dh'aithghearr eadar riochdairean comhairle agus Rùnaire an Fhoghlaim.
Tha seo an dèidh do riochdairean bho Chomhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid coinneachadh ri Màiri NicAilein air a' mhìos a chaidh mun phlana.
Thaghadh a' chomhairle làrach air taobh a deas Thobar Mhoire airson na sgoile ùire, sam biodh foghlam àrd-sgoile agus cuideachd bun-sgoil ùr do Thobar Mhoire fhèin sa Mhàrt an-uiridh, ach chuir luchd-iomairt an aghaidh sin.
Leis mar a tha clann on Ros Muileach, an iar-dheas an eilein, a' dol gu Àrd-Sgoil an Òbain, a' fuireach ann an ostal san Òban tron t-seachdain, bha pàrantan an sin ag iarraidh làrach nas fhaisge air meadhan an eilein do dh'àrd-sgoil ùr fa leth bho bhun-sgoil ùr Thobar Mhoire.
Tha an t-àrd-sgoil a th' ann an Tobar Mhoire ro fhada air falbh airson clann an Rois a bhith a' siubhal ann 's dhachaigh gach là.
Ach cho-dhùin ath-bhreithneachadh cùirte a dh'iarr na pàrantan gun robh co-dhùnadh na Comhairle laghail.
Iomairt sgoil ùr Mhuile "air gluasad gu ìre ùir"
- Air fhoillseachadh2 Am Màrt
Suidheachadh Sgoil Mhuile sa chùirt
- Air fhoillseachadh13 An Dàmhair 2025
Deasbad mu àrd-sgoil ùir do dh'Eilean Mhuile
- Air fhoillseachadh7 An t-Samhain 2024
Aig a' choinneimh le Màiri NicAilein air a' mhìos a chaidh, cha robh comhairlichean à Muile, no pàrantan an làthair.
Thog cathraiche Buidhne-Obrach Campas Mhuile, Tracy Mayo, ceist mu mar a chaidh beachdan na coimhearsnachd agus còraichean na cloinne a chur air adhart sa choinneimh.
Thuirt an Comh Keiron Green nach robh sa choinneimh ach cothrom dhan chomhairle fiosrachadh a thoirt do Rùnaire an Fhoghlaim mu mar a bha dol dhan phròiseact.
"Cha robh e cothromach dhuinne a bhith a' togail phuingean a rinn feadhainn eile le rùnaire a' chaibineit, agus mar sin cha deach togail air mìnichear nan còraichean daonna.
"'S e mo thuigse dheth gum bi coinneimh eile ann fhathast, dhan tèid cuireadh a thoirt do dh'fharsainneachd de luchd-ùidhe, riochdairean coimhearsnachd agus a' chomhairle nam measg, a thuilleadh air luchd-pàrlamaid," thuirt e.
"Dh'fhaodadh gur e sin cothrom air an stuth sin a thoirt gu aire rùnaire a' chaibineit."
Thuirt an Comh Green gu bheil cò a gheibh cuireadh chun na coinneimh an urra ri Rùnaire an Fhoghlaim leis gur i a ghairm a' choinneamh.
Tha dùil aige, thuirt e, gum bi riochdairean na comhairle, na coimhearsnachd agus luchd-pàrlamaid a' faighinn cuireadh, ach nach deadh cuireadh a thoirt do chomhairlichean uàrd.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh26 An Cèitean
