Taigh na Gàidhlig a' tilleadh an Glaschu

Bha Isla Parker air gealltainn gun tilleadh sgeama Taigh na Gàidhlig nuair a thòisich i mar Mhanaidsear Leasachaidh ùr na Gàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu
- Air fhoillseachadh
Tillidh an sgeama-còmhnaidh Taigh na Gàidhlig gu Oilthigh Ghlaschu am-bliadhna.
Thòisich Taigh na Gàidhlig ann an 2009, a' toirt cothrom do dh'oileanaich aig a bheil an cànan fuireach còmhla 's iad air am bogadh sa chànan aig an taigh.
Tha mòran a tha air a bhith an sàs ann air moladh a dhèanamh air.
"Bha sinn a' bruidhinn na Gàidhlig 90% den ùine, 's cha robh an cothrom sin agam riamh roimhe," thuirt Alasdair Scott, a bha ann an Taigh na Gàidhlig air an dàrna bliadhna aige aig an oilthigh.
"Gu h-àraidh ga cleachdadh còmhla ri daoine aig an robh a' Ghàidhlig aig an taigh a' fàs suas.
"Bha mi fada fada nas cofhurtaile is nas fheàrr aig deireadh na bliadhna na bha mi aig an toiseach."

Tha Alasdair Scott ag ràdh gun do rinn sgeama feum mòr dha
Cha robh an sgeama ri fhaighinn an-uiridh is dreuchd Manaidseir Leasachaidh na Gàidhlig aig an oilthigh bàn aig an àm.
Tha Isla Parker a-niste air an dreuchd sin a ghabhail, agus tha aice ri diofar rudan a chur air dòigh gus cothroman a thoirt do na h-oileanaich leasachadh a thoirt air na sgilean cànain aca.
"Bidh aig na h-oileanaich ri pròiseact no tachartas a dhèanamh a thaobh a bhith a' leasachadh no a' cleachdadh na Gàidhlig aig an oilthigh," thuirt Isla.
Briseadh-dùil mòr an Glaschu mu Thaigh na Gàidhlig
- Air fhoillseachadh20 An Dàmhair 2025
"Tha mi ag iarraidh gum bi a' Ghàidhlig àbhaisteach aig gach ìre san Oilthigh"
- Air fhoillseachadh26 Am Màrt
"Anns na bliadhnaichean a dh'fhalbh rinn na h-oileanaich filmichean do FilmG, no tachartasan ann an Seachdain na Gàidhlig can, agus cuideachd pod-chraoladh roimhe."
Chaidh Taigh na Gàidhlig a bhonntachadh air sgeama Teach na Gaeilge aig Coláiste na hOllscoile (UCD) ann am Baile Átha Cliath, a th' air a bhith a' dol 26 bliadhna a-niste.
Tha Isla an dòchas an dàimh eadar Oilthigh Ghlaschu is UCD a neartachadh.

Coláiste na hOllscoile ann am Baile Átha Cliath
"Bha sin ann roimhe, agus am-bliadhna tha sinn airson coinneamhan a chumail eadar na h-oileanaich againne a th' ann an Taigh na Gàidhlig, ach cuideachd na h-oileanaich acasan a th' ann an Taigh Gàidhlig na h-Èireann airson 's gum bi cothrom aca ionnsachadh bho chèile."
Aig an ìre seo bidh triùir a' gabhail pàirt san sgeama sa bhliadhna acadaimigich a tha romhainn, ach tha Isla an dòchas gum fàs an àireamh sin sna bliadhnaichean ri teachd.
"Bu mhiann leinn gu dearbha gun robh Taigh na Gàidhlig a' fàs gach bliadhna," thuirt i.
"Am-bliadhna, tha an taigh ann an tallaichean an oilthigh, agus 's e rud math a tha sin oir tha sinn airson flat stèidhichte fhaighinn do Thaigh na Gàidhlig, agus tha sinn an dòchas gum fàs sinn thar nam bliadhnaichean cuideachd."