Nì buill-phàrlamaid cnuasachadh air tagradh Sealg a' Ghuga a chasg buileach

Sealgairean a' ghuga ann an Sùlasgeir a' spìonadh nan sùlairean òga. Tha ochdnar fhireannach nan suidhe air na creagan le aodach dìonach orra.
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Fir Nis air a bhith a' dol a-mach a Shùlasgeir airson sùlairean òga a mharbhadh airson nan ceudan bhliadhnaichean

  • Air fhoillseachadh

Nì comataidh aig Pàrlamaid na h-Alba an-diugh beachdachadh air athchuinge phoblaich a tha ag iarraidh gum bi e mì-laghail bho seo a-mach muinntir Nis a bhith a' dol a-mach a shealg a' ghuga.

Tha an seann chleachdadh ceadaichte fo Achd an Fhiadh-Bheatha is na Tuaithe agus feumaidh iad cead iarraidh air NàdarAlba a h-uile bliadhna.

Dhiùlt a' bhuidheann riaghaltais cead a thoirt seachad don t-seilg am-bliadhna, agus tha luchd-strì ag iarraidh atharrachadh san lagh gus nach urrainn dhi tachairt tuilleadh.

Tha an athchuinge, taobh a-muigh aig Rachel Bigsby "airson 's gum faigh sùlairean Shùlasgeir dìon maireannach seach an dìon a bheir gach iarrtas ceadachd fa leth".

Tha gu leòr ann a tha airson agus gun lean an traidisean, Comhairle nan Eilean Siar agus BP agus BPA nan Eilean Siar nam measg.

An dèidh co-dhùnadh NàdarAlba, dh'iarr a' bhuidheann Save Our Guga Harvest gun tigeadh buill Bhòrd NàdarAlba a Nis a mhìneachadh an t-saidheins a thug orra gun cead a thoirt seachad.

Thuirt an neach-labhairt aca, Murchadh MacRisnidh, aig an àm: "Feumaidh tuigse nas fheàrr a bhith againn airson rud sam bith a nì sinn ann an 2027."

Boireannach òg le falt fada dorcha air a' bhlàr a-muigh.
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Rachel Bigsby ag ràdh gu bheil fianais ùr nas làidire aice an aghaidh na seilge on thòisich i an athchuinge

Tha còrr is 112,000 ainm air tagradh Rachel Bigsby air am bi Comataidh nan Athchuingean a' cnuasachadh.

Thòisich an neach-dhealbh fiadh-bheatha an athchuinge san t-samhain 2025 agus chaidh aontachadh a cumail beò gus am biodh pàrlamaid ùr ann.

Bidh cuideachd pàipear sgrìobhte aice air beulaibh buill Comataidh ùr nan Athchuingean a tha a' neartachadh nan argamaidean a rinn i bho thùs na beachd.

Tha i ag ràdh gun do sheall co-dhùnadh oifigich NàdarAlba nach robh cinnt shaidheansail ann nach toireadh an t-sealg droch bhuaidh air àireamhan nan eun.

A bharrachd air an sin, tha i ag ràdh gun do cho-dhùin ath-sgrùdadh a rinn Coimisean Slàinte nam Ainmhidhean an Alba air an t-seilg san Ògmhios am-bliadhna "nach robh fios aca an robh dòigh iochdmhor an guga a mharbhadh".

Tha Ms Bigsby agus luchd-iomairt bhon bhuidhinn Protect the Wild air fianais a thogail taobh a-muigh Pàrlamaid na h-Alba roimhe.

Ann an teachdaireachd air na meadhanan-sòisealta Dimàirt, thuirt Save Our Guga Harvest nach deach iarraidh air duine bhon choimhearsnachd ann an Nis beachd a thoirt seachad.

Tha an deasbad eadar an luchd-iomairt agus muinntir na seilge air a bhith air leth guineach aig amannan.

Thuirt Save Our Guga Hunt gun robh iad taingeil gum bi BPA nan Eilean Siar, Dòmhnall MacFhionghain, a' bruidhinn às an leth aig a' choinneimh.

Tha iad an dòchas gun tèid iomradh a thoirt air an "droch-dhìol a dh'fhuiling muinntir Nis agus NàdarAlba fhèin" bhon luchd-strì.

Dh'iarr seann Chomataidh nan Athchuingean air a' chomataidh ùir "beachdachadh air farsaingeachd de bheachdan, is dèanamh cinnteach gum faigh guthan eileanach èisteachd".

Tuilleadh air an sgeulachd seo