Faraidhean adhair "ro dhaor dha Eileanaich" fiù 's le ADS

- Air fhoillseachadh
Chan eil ach glè bheag de chothrom aig muinntir nan Eilean Siar air ticeadan adhair saora fiù 's le Sgeama Lùghdachaidh nam Faraidhean Adhair (ADS) a rèir BhPA na sgìre.
Tha ADS a' toirt lùghdachadh 50% air prìs thiceadan do dhaoine a tha a' fuireach anns na h-Eileanan an Iar, Ìle, Colobhsa, Diùra, Arcaibh, Sealtainn, is cuideachd ann an Gallaibh is Iar-Thuath Chataibh.
Thog Dòmhnall MacFhionghain BPA a' chùis le Rùnaire na Còmhdhail, Stephen Flynn, aig Comataidh na Còmhdhail ann an Holyrood Diciadain, is e ag ràdh gu bheil eileanaich a' tighinn thuige tric is minig le draghan mu cho àrd 's a tha faraidhean.
Thuirt Mgr MacFhionghain nach eil ADS mar a tha e ag obair mar bu chòir.
"Tha tòrr airgid phoblaich a' dol a-steach ann an ADS. Chunnaic sinn cha mhòr £2.5m a bharrachd a' dol a-steach aona bhliadhna ach gun robh nas lughda de dhaoine a' siubhal.
"Tha sinn a' faicinn fiù 's le ADS gu bheil siubhal adhair ro dhaor dha eileanaich".
Fhreagair Mgr Flynn gu bheil e follaiseach gu bheil faraidhean-adhair àrda a' cur bacadh air cuid bho a bhith a' siubhal, fiù 's le ADS.
Thuirt e gu bheileas a' coimhead ri diofar mhodailean.
Cosgais a' phlèana a' toirt air Eileanaich falbh, a rèir chomhairliche
- Air fhoillseachadh13 An Dàmhair 2025
"Ro-innleachd shoilleir a dhìth sa bhad" 'son seirbheisean adhair eileanach
- Air fhoillseachadh20 An t-Iuchar
A' bruidhinn air Aithris na Maidne Diardaoin, thuirt Cathraiche na Còmhdhail aig Comhairle nan Eilean Siar gu bheil daoine a' seachnadh nan seirbheisean adhair 's a' cleachdadh nan aiseagan nan àite.
"Bha mi aig coinneamhan an-dè san sgìre agam fhèin far an do rinneadh sin gu math soilleir, gur e sin a tha iad a' dèanamh a-niste," thuirt Ùisdean Robasdan.
"Ged a tha trioblaidean an-dràsta 's a-rithist le aiseagan tha iad nas cofhurtaile a' dèanamh sin 's tha e cus nas saoire dhaibh."
Tha Mgr Robasdan ag ràdh gu bheil Òrdugh Seirbheis Phoblaich a dhìth air na slighean mura gabh casg a chur air cosgais nan ticeadan fon sgeama.
"Mura h-urrainn dhaibh sin a dhèanamh tha còir coimhead air PSO mar a tha am Barraigh, Tiriodh is Inbhir Ùige," thuirt e.