Loidhne-rèile Thaobh Siar na Gàidhealtachd a' dùnadh san t-Samhain 'son obair-leasachaidh

Drochaid thairis air rathad mòr. Tha uisge air aon thaobh agus craobhan is feur air an taobh eile.Tùs an deilbh, NETWORK RAIL
  • Air fhoillseachadh

Dùinidh Loidhne-rèile Thaobh Siar na Gàidhealtachd airson naoi là san t-Samhain agus obair-leasachaidh £13m ga dhèanamh oirre.

Nì Network Rail obair air làraichean eadar Baile Eilidh, an Gearasdan agus Malaig.

Tha Drochaid Ghleann Fhionnainn, a th' air faicinn ann am fiolmaichean Harry Potter, mar phàirt den loidhne.

Thuirt Network Rail gum bi iad a' dèanamh obair-càraidh a nì an t-slighe nas seasmhaiche ann an droch shìde, agus a bheir lùghdachadh air an h-amannan nuair a tha maill air seirbheisean.

Thèid busaichean a chur an àite thrèanaichean eadar a' Chrìon-Làraich agus An Gearasdan is Malaig eadar an 9mh is an 17mh den t-Samhain.

Thuirt Network Rail agus companaidhean thrèanaichean gu bheil iad ag obair còmhla gus taic a chumail ri coimhearsnachdan agus ri luchd-siubhail.

Thuirt Stiùiriche Lìbhrigidh Calpa Network Rail Alba, Gerry McQuade: "Tha an obair seo ga dhèanamh gus a bhith cinnteach gu bheil seirbheis sheasmach ann do choimhearsnachdan agus luchd-turais a tha ga cleachadh a h-uile là.

"Tha fhios againn nach eil e uair sam bith goireasach a bhith a' dùnadh na loidhne ach tha seo a' toirt dhuinn cothrom tòrr obrach a dhèanamh aig an aon àm, seach a bhith ga dhèanamh beag air bheag thairis air ùine nas fhaide."