Tuiltean air buaidh a thoirt air còmhdhail an Loch Abar

Loidhne-rèileTùs an deilbh, Network Rail
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh milleadh a dhèanamh air an loidhne-rèile eadar Drochaid Ruaidh is Tulaich.

  • Air fhoillseachadh

Tha tuiltean air bualadh air seirbheisean còmhdhail ann an Loch Abar is uisge trom air a bhith ann Diluain.

Thug seo buaidh an dà chuid air rathaidean is seirbheisean-rèile.

Dh'fhàg maoim-slèibhe gu bheil rathad an A86 dùinte fhathast gach slighe aig Drochaid Ruaidh.

Tha slighe eile ga comharrachadh do dhràibhearan is tha astar de chòrr air 100 mìle ri shiubhal airson faighinn timcheall air a' chnap-starra.

Gheibhear am fiosrachadh as ùire mun t-suidheachadh an seo, taobh a-muigh.

Cha ghabh am post X seo a shealltainn air a’ bhrabhsair agaibh. Ceadaichibh Javascript no feuchaibh brabhsair eile.Faicibh stuth tùsail air X
Chan eil am BBC an urra ris na tha a' nochdadh air làraichean-lìn air an taobh a-muigh
Leum thairis air X teachdaireachd le Highlandweather

Cead do stuth X?

Tha stuth bho X an lùib an artaigil seo. Tha sinn a’ sireadh cead bhuat mus tèid dad a luchdachadh, thoireadh ‘s dòcha gun cleachd iad briosgaidean agus teicneòlas eile. Faodaidh tu na poileasaidhean aig X mu bhriosgaidean a leughadh, taobh a-muigh agus am poileasaidh prìobhaideachd aca, taobh a-muigh mus gabh thu ris. Airson coimhead air an stuth seo buail air ‘gabh ris agus lean air adhart’.

Chan eil am BBC an urra ris na tha a' nochdadh air làraichean-lìn air an taobh a-muigh
Deireadh X teachdaireachd le Highlandweather

Dh'innis Sgioba Teasairginn Ghleann Comhann gun do rinn iadsan cobhair oidhche Luain air draibhear air am B863 eadar an gleann agus Ceann Loch Lìobhann.

Thuirt iad gun robh grunn mhaoimean-slèibhe air an rathad is gun robh an draibhear glacte eadar a dhà dhiubh.

Chaidh an sgioba ann às dèidh iarrtais bho Phoileas Alba is rinn iad cobhair air an neach.

Maoim-slèibheTùs an deilbh, Sgioba Teasairginn Ghleann Comhann
Fo-thiotal an deilbh,

An suidheachadh air am B863 oidhche Luain.

Chan eil trèanaichean a' ruith eadar an Gearasdan is a' Chrìon-Làraich an-dràsta is trioblaidean air dà phìos den loidhne.

Dh'innis Network Rail gun deach milleadh a dhèanamh eadar Drochaid Ruaidh is Tulaich.

Às dèidh dhaibh sgrùdadh a dhèanamh an sin tron oidhche, thuirt iad nach eil dùil gum fosgail an loidhne a-rithist gu madainn Diardaoin.

Bha buaidh 'son ùine cuideachd air an loidhne eadar Inbhir Nis is Drochaid Chàrr.

Tha an loidhne a-nise fosgailte às ùr ged a tha casg-astair an sàs.

Gheibhear am fiosrachadh as ùire mu sheirbheisean rèile an seo, taobh a-muigh.

Tha rabhadh buidhe, taobh a-muigh airson stoirmean an sàs gu 9:00f Dimàirt.