Teintean fiadhaich: Fàilte air heileacoptaran ach iarrtas fhathast 'son bhacaidhean

Heileacoptar a' dortadh bùrn air ceò a tha ag èirigh às na craobhan. Tha an adhar glas.
  • Air fhoillseachadh

Tha fàilte ga chur air an naidheachd gum bi cead aig Seirbheis-smàlaidh agus Teasairginn na h-Alba na h-Alba heileacoptaran a bhith deiseil aca nuair a tha cunnart ann gun tòisich teintean fiadhaich.

Thuirt Rùnaire a' Cheartais, Niall Gray, gun robh a bhith a' dòrtadh uisge bho gu h-àrd na phàirt chudromach de dh'oidhirpean dèiligeadh ri teine mòr ann am Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh as t-samhradh.

Ach cha robh heileacoptaran rim faotainn gu 36 uair a thìde an dèidh dhan teine tòiseachadh.

Thuirt Mgr Gray gum b' urrainn dhan t-seirbheis cùmhnantan a tha an sàs an-dràsta a chleachdadh gus heileacoptaran coimeirsealta ullachadh airson an cleachdadh nam biodh feum orra.

Ged a chuir Coimhearsnachd Chroitearan agus Thuathanach a' Mhonaidh Ruaidh fàilte air seo, thuirt iad gur e a bhith a' cur bacadh air teintean sa chiad àite as cudromaiche.

Cuideigin le aodach dìonach orra agus iad a' feuchainn ri teine mòintich a chur àsTùs an deilbh, ÙGHDARRAS PÀIRCE NÀISEANTA A' MHONAIDH RUAIDH
Fo-thiotal an deilbh,

Thòisich teine fiadhaich sa Mhonadh Ruadh air an 15mh den Iuchar

Mhair teine fiadhaich a' Mhonaidh Ruaidh faisg air còig seachdainean.

Loisg e timcheall air 10 mìle cheàrnagach de mhòintich agus coilltean faisg air an Aghaidh Mhòir bho Dhiciadain an 15mh den Iuchar.

Thàinig air cuid de dhaoine an dachaighean fhàgail agus aig aon àm, bha còrr is 500 neach-smàlaidh an lùib na h-iomairt gus smachd fhaighinn air an teine.

Thuirt Ùghdarras Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh gun robh dà heileacoptar luachmhor dha-rìribh airson uisge fhaighinn gu àitichean nach robh furasta faighinn thuca.

Tha obair a' leantainn san sgìre airson sùil a chumail air àitichean a dh'fhaodadh lasadh a-rithist.

Dh'aidich Mgr Gray gun bheil ceannardan na seirbheis-smàlaidh air a bhith soilleir nach eil heileacoptaran a' cur theintean às as spot a dhortas iad uisge orra.

"Tha iad cho èifeachdach 's as urrainn dhaibh a bhith nuair a tha iomairt talamhainn làidir ann airson smachd fhaighinn air an teine," thuirt e.

A' coimhead air adhart, dh'iarr e co-obrachadh bho dhùthchannan eile na Rìoghachd Aonaichte, a thuilleadh air taic airm.

"Thuirt e: "Chan e cunnart ràitheil a th' ann an teintean fiadhaich tuilleadh. Seo buaidh atharrachadh na gnàth-shìde agus tha sin a' fàgail gu bheil iad nas miosa agus a' tachairt nas trice."

Dh'innis e cuideachd gun tèid ath-sgrùdadh a dhèanamh air teine a' Mhonaidh Ruaidh.

Dh'fhàg am BPA Tòraidheach, Tim Eagle, air Riaghaltas na h-Alba gun deach cola-deug seachad mus deach iad an sàs san iomairt airson smachd fhaighinn air an t-suidheachadh.

"Bha dearg fheum aig Seirbheis-smàlaidh agus Teasairginn na h-Alba air taic 's iad a' dèiligeadh ris an teine," thuirt e.

"'S e deagh naidheachd a tha seo mu heileacoptaran, ged a tha e ro fhadalach do choimhearsnachdan a tha fhathast a' feuchainn ri faighinn seachad air na thachair."

Fireannach na sheasamh le pàirc uaine air a chùlaibh.

Tha Coimhearsnachd Chroitearan agus Thuathanach a' Mhonaidh Ruaidh cuideachd am measg na tha air draghan a thogail mu mar a chaidh dèiligeadh ris an teine.

A' bruidhinn air Aithris na Maidne Dihaoine, chuir cathraiche na buidhne, Raibeart Dòmhnallach, fàilte air an dearbhadh gum bi heileacoptaran deiseil, ged nach eil e den bheachd gur e seo an fhreagairt shlàn.

Thuirt e: "Rud sam bith a thig airson cuideachdadh 's e deagh naidheachd a th' ann ach chan eil e a' dèiligeadh ris an rud a tha ri dhèanamh.

"Tha e fada nas fhèarr bacadh a chur air teine sa chiad àite na feuchainn ri chur às nuair a thòisicheas e.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil daoine a' tighinn timcheall chun na dòigh smaoineachaidh a th' againn.

"Tha na teintean a' dol a thachairt.

"Feumaidh sinn nas urrainn dhuinn a dhèanamh gus nuair a thòisicheas iad, gu bheil iad nas fhasa an cur às."