"Misneachd" an dèidh ceasnachadh Loganair

Itealan Loganair ag èirighTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Thuirt cathraiche na còmhdhail aig Comhairle nan Eilean Siar gun tug e misneachd à coinneimh aig Holyrood san deach a ràdh ri riochdairean Loganair nach eil earbsa aig coimhearsnachdan eileanach annta tuilleadh.

Bha Ùisdean Robasdan a' bruidhinn air Aithris na Maidne an dèidh do Neach-Gairm Comataidh na Còmhdhail aig Holyrood, Uilleam Rennie, faclan làidir a chleachdadh ri riochdairean na companaidh adhair, a bhios a' ruith mòran de na slighean eadar eileanan na h-Alba agus tìr-mòr.

"Tha mi air a bhith aig grunn de na coinneamhan thar nam bliadhnaichean, agus seo a' chiad turas a fhuair mi misneachd gun robh a' chomataidh a bha seo ag èisteachd, agus bha iad gu math làidir a thaobh nan ceistean a bha iad a' faighneachd do Loganair," thuirt e.

Tha dragh air a bhith ann o chionn ùine mu na tha ticeadan a' cosg, a dh'aindeoin Sgeama Lasachaidh nam Faraidhean Adhair (ADS).

Thuirt BPA nan Eilean Siar Dòmhnall MacFhionghain air a' mhìos seo chaidh gu bheil faraidhean ro dhaor do mhòran eileanach fiù 's le ADS.

Ùisdean Robasdan
Fo-thiotal an deilbh,

Thuirt Mgr Robasdan gur e seo a' chiad turas a thug e misneachd à coinneimh de Chomataidh na Còmhdhail aig Holyrood

Tha an sgeama, a thig gu ceann aig an ìre seo deireadh a' Mhàirt an ath-bhliadhna, a' toirt lasachadh 50% do dh'eileanaich air cosgais thiceadan.

"Saoilidh mi gu bheil na ceistean againn an-diugh air na tha de mhì-earbsa aig coimhearsnachdan anns a' chompanaidh a shealltainn, agus tha mi an dòchas gun toir sibh sin air falbh leibh," thuirt Mgr Rennie aig deireadh a' cheasnachaidh.

"Cluinnidh sinn tric is minig draghan mòra mu phrìs thiceadan, mu sgeama ADS, na bhios sibh a' dèanamh de dh'airgead, na cosgaisean corporra agaibh."

Thuirt Mgr Rennie gu bheil a' mhì-earbsa sin a' fàgail gu bheil "iarrtas nas motha ann airson barrachd smachd - chan e dìreach subsadaidh, ach smachd - a bhith ann air na slighean", agus nach seas an suidheachadh a th' ann san ùine fhada.

Anns a' choinneimh aig Holyrood, thuirt ceannard ghnothaichean corporra agus riaghaltais aig Loganair, Sìm McNamara, nach eil e an dùil gun cleachdadh na bu lugha dhaoine na seirbheisean aca mura biodh ADS ann.

Thuirt Mgr Rennie gun robh sin "doirbh a chreidsinn". Tha Mgr Robasdan ag aontachadh.

"Ma tha thu a' ceannach ticead faisg air an àm a dh'fheumas tu siubhail tha e gu math gu math daor," thuirt e.

"Chan eil duine sam bith a' dol a phàigheadh suas ri £600 às aonais ADS airson siubhail. Tha mi a' smaoineachadh gun robh am freagairt a fhuair an Neach-Gairm gu math gòrach, feumaidh mi a ràdh."

Ann am brath ùr madainn Diardaoin, thuirt BPA SNP Shealtainn, Hannah Mary Goodlad - Ministear an Ionmhais Phoblaich - gun robh i fhèin gu làidir a' dol às àicheadh na thuirt Loganair mu ADS aig a' choinneimh is dhaingnich i nach eil planaichean sam bith aig Riaghaltas na h-Alba cur às dhan sgeama.

Thuirt Mgr Robasdan cuideachd nach eil càirdeas cho math air a bhith aig CnES le Loganair bho dh'fhàg Jonathan Hinkles a dhreuchd mar àrd-oifigear Loganair ann an 2024.

Thuirt e a dh'aindeoin duilgheadasan le seirbheisean aiseig gu bheil e nas fhasa dhan ùghdarras ionadail dèiligeadh ri CalMac is CMAL aig àrd-ìre na tha ri Loganair.

Tha e ag ràdh gu bheil e soilleir gu bheil feum air conaltradh nas fheàrr.

Tha Loganair ag ràdh gu bheil iad a' dèanamh na 's urrainn 'son earbsa a chosnadh, agus gu bheil iad "moiteil" às a' chompanaidh.

"Bidh sinn ag èisteachd, agus bidh sinn a' cluinntinn," thuirt Mgr McNamara.

"Tha sinn uabhasach moiteil às na bhios sinn a' dèanamh.

"Tha sinn air seirbheis a chumail ris na h-eileanan airson còrr is 60 bliadhna, fhad 's a tha 40 companaidh adhair air tighinn is falbh, agus tha sinn ag iarraidh cumail oirnn a' dèanamh sin.

"Ma tha mì-earbsa ann, tha sinn airson an t-earbsa sin a thogail às ùr."