Jonathan Hinkles a' fàgail Loganair

- Air fhoillseachadh
Dh'fhàg àrd-oifigear na companaidh-adhair Loganair, Jonathan Hinkles, a dhreuchd.
Bha e san obair seachd bliadhna gu leth.
Dh'innis Mgr Hinkles oidhche Ardaoin gun robh e a' fàgail na h-obrach sa bhad.
Na bu thràithe air an là bha e an sàs ann an cuirm far an robh Loganair a' leigeil soraidh-slàn leis na h-itealain Saab 340 aca - agus iad a' tighinn gu deireadh na seirbheis aca le Loganair às dèidh 24 bliadhna.
Bidh cathraiche Loganair, Peter Simpson, ann an dreachd Mhgr Hinkles rè ùine.
Thuirt Mgr Hinkles: "Bha mi a-riamh den bheachd nuair a tha an cùirtear a' tuiteam - gun robh an t-àm ann an t-àrd-ùrlar fhàgail.
"'S e obair làn-ùine a th' ann an a bhith a' ruith companaidh-adhair. Tha d' aire oirre 24/7 ann an dòigh air choireigin agus tha a' bhuil.
"Chan eil e gu feum duine sam bith a bhith a' toirt ùine a' fàgail sòraidh-slàn agus greis a bhith ann far a bheil mì-chinnt mu cheannas.
"Le sin dh'fhàg mi an togalach airson an turas mu dheireadh beagan uairean de thìde air ais," thuirt e.
'S i Loganair a' chompanaidh-adhair roinneil as motha san Rìoghachd Aonaichte agus tha iad air a bhith a' sgèith gu eileanan agus sgìrean dùthchail bho 1962.