FilmG: "Neart agus farsaingeachd de thàlant" a' tighinn troimhe

FilmGTùs an deilbh, FilmG
  • Air fhoillseachadh

Dh'fhoillsich FilmG geàrr-liosta farpais na bliadhna seo 's iad ag ràdh gu bheil daoine a thòisich a' farpais mar chloinn a-niste a' cur filmichean a-steach aig ìre nan inbheach.

Chaidh 157 film a chur a-steach uile gu lèir, tarsainn air trì diofar ìrean de dh'fharpais: -12, -18 agus +18.

Tha na filmichean a th' air a' gheàrr-liosta ri fhaicinn an seo., taobh a-muigh

'S e earrainn ùr a th' ann an -12 am-bliadhna, airson àite nas fhreagarraiche a thoirt do chloinn òig filmichean a chur air adhart.

Tha roinn ùr eile 18+ ann cuideachd am-bliadhna airson Ealain, a' toirt aithne do dh'fhilmichean ealanta agus faireachail, a' gabhail a-steach obair co-cheangailte ri beòthachadh, ceòl, bàrdachd agus meadhanan ùra.

"Tha geàrr-liostaichean na bliadhna seo a' sealltainn neart agus farsaingeachd an tàlant a tha a' tighinn tro FilmG," thuirt Stiùiriche Pròiseict FilmG, Murchadh MacSuain.

"Tha sinn a' faicinn buannaichean a bh' ann roimhe a' toirt an cuid obrach a-steach don fharpais 18+, guthan ùra a' dèanamh deagh bhuaidh, agus measgachadh fallain de dhràma, comadaidh, obair fhìrinneach, ceòl, ealain agus sgeulachdan coimhearsnachd.

"Tha farpais 18+ gu sònraichte làidir am-bliadhna, ach tha tòrr ann cuideachd ri mholadh air geàrr-liostaichean -18 agus -12.

"Tha e math filmeadairean fhaicinn a' dèanamh adhartais tro FilmG, còmhla ri luchd-inntrigidh ùra agus sgoiltean ùra a' gabhail pàirt."

Thèid na duaisean a thoirt seachad aig cuirm san SEC ann an Glaschu Diardaoin an 11mh là den Ògmhios.