Hebridean Baker air duais chliùiteach a bhuannachadh

- Air fhoillseachadh
Bhuannaich sreath telebhisein sa Ghàidhlig - Hebridean Baker "Eileanan Nòrdach" - duais chliùiteach Fortnum and Mason.
Thog an sreath Duais a' Phrògram as Fheàrr aig Duaisean Bìdh is Deoch Fortnum and Mason aig cuirm ann an Lunnainn.
Anns an t-sreath, a rinneadh leis a' chompanaidh Caledonia TV airson BBC ALBA, tha Coinneach MacLeòid a' tadhal air diofar eileanan anns na dùthchannan Nòrdach airson ionnsachadh mun bhiadh aca agus an cultar eileanach.
Tha an duais air a faicinn mar thè de na duaisean as cliùitiche ann an roinn a' bhìdh 's na dighe agus e a' comharrachadh sàr-mhaitheis air feadh craoladh, sgrìobhadh agus cruthachadh susbainnt.
Hebridean Baker: Eileanan Nòrdach
Coinneach MacLeòid a' tadhal air eileanan Nòrdach a dh'fhaighinn a-mach mun chultar bhìdh is fuinne aca.
"'S e teisteanas dha-rìribh a tha seo air an sgioba iongantaich a dh'obraich air an t-sreath. Ceud mìle taing dhuibh uile," thuirt Coinneach, 's e a' sgrìobhadh air na meadhanan sòisealta.
Thadhail e air a thuras air Eileanan Lofoten ann an Nirribhidh, Gotland san t-Suain, Bornholm san Danmhairg, agus air na h-Eileanan Fàrach, a' faighinn rudan a bh' aig muinntir nan àitichean sin agus Coinneach fhèin, mar eileanaich, ann an cumantas.
Buinidh Coinneach do Chro Mòr air na Lochan ann an Leòdhas, agus tha e a' fuireach faisg air an Òban.
Tha na leabhraichean còcaireachd aige a' reic gu h-eadar-nàiseanta, agus e tric a' nochdadh air telebhisean a' BhBC, ITV, CBS agus companaidhean eile.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh9 An Giblean
