Luaidh ga dhèanamh air an t-seinneadair Dòmhnall MacRath

- Air fhoillseachadh
Tha luaidh ga dhèanamh air an t-seinneadair Dòmhnall MacRath a chaochail aig aois 84.
Bha Dòmhnall ainmeil gu seachd àraid a thaobh nam bliadhnaichean mòra a bhiodh e a' seinn sa Phark Bar agus san Islay Inn ann an Glaschu.
'S ann do sgìre nan Loch ann an Leòdhas a bhuineadh Dòmhnall MacRath bho thùs.
Rugadh e ann an Tàbost air an 26mh den Lùnastal 1941 agus na bhalach òg dh'ionnsaich e seinn nan salm bho a sheanair.
Tha e coltach gum biodh na balaich ann an Ostail Gibson ann an Steòrnabhagh a' cumail oidhcheannan cur-seachad agus gur ann an uairsin a thàinig tàlant Dhòmhnaill am follais.

Na dheugaire bha e ann an Còisir Ghàidhlig nan Loch agus dh'innis gun do sheinn e na aonar an toiseach mu choinneamh luchd-èisteachd aig consairt aig a' chòisir ann an Steòrnabhagh.
"S ann a chunnaic mi an rud seo an àird air a' bhalla is bha an t-ainm agam fhìn shuas 'son a bhith a' seinn nam aonar," dh'innis Dòmhnall mòran bhliadhnaichean às dèidh sin.
"Fhuair mi shock! Cha robh càil a dhùil agam ris idir is bha mi gu math nearbhasach an oidhche sin."
An t-Òranaiche
Dòmhnall MacRath a' seinn sa phrògram An t-Òraniche air BBC Radio nan Gàidheal
Bha Dòmhnall ceithir bliadhna ag obair air croit an teaghlaich an dèidh an sgoil fhàgail mus do ghluais e a Ghlaschu far an robh e an toiseach ag obair air na busaichean.
Bha e 19 bliadhna ag obair aig factaraidh Singers am Bruach Chluaidh, a' dèanamh uidheaman-fuaigheil.
Nuair a dhùin a' chompanaidh an 1980 fhuair e obair aig Barr and Stroud aig an robh cùmhnant le Ministreachd an Dìon a' dèanamh periscopes agus uidheaman-cuimeis airson tancaichean.
Bha e ag obair mu dheireadh don chompanaidh Bar Knight a bha ri obair innleadaireachd mhionaideach.
Rinn Dòmhnall grunn chlàran às dèidh dha a dhol a Ghlaschu is bhiodh e a' seinn ann am prògraman Gàidhlig air an radio is cuideachd air an telebhisean.

Thug Dòmhnall a-mach grunn chlàran
Thòisich e a' seinn anns a' Phark Bar ann an 1965 far an do chuir iomadh Gàidheal eòlas is meas air air thairis air 33 bliadhna, agus an dèidh sin bha e beagan bhliadhnaichean a' seinn anns an Islay Inn.
"Cha robh mòran àitichean ann an Glaschu, na taighean-òsta an uairsin, cha robh ceòl aca," dh'innis Dòmhnall dhan BhBC mu na làithean tràth.
"'S e am Park fhèin fear de na ciad àitichean.
"Aig amannan bha mi a' fàs rudeigin sgìth is fios agad gun robh agad ri dol a-mach a sheinn.
"Ach tha fhiosam glè mhath mura bithinn a' dol a-mach a sheinn, bhithinn dìreach lost."
Chaidh urram a bhuileachadh air Dòmhnall aig Na Trads 2010.
Bha Dòmhnall MacRath air a bhith tinn greis is chaochail e feasgar Diciadain is a theaghlach timcheall air.
Ann am brath air Facebook thuirt iad gum bi "a cheòl agus òrain beò gu bràth."