"Nas miosa na craicte" gu bheil an SSPCA a' tarraing às na h-eileanan

Calum Watt, seann inspeactair an SSPCA sna h-Eileanan an Iar
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Calum Watt ag ràdh gu bheil inspeactair air a bhith sna h-Eileanan an Iar airson faisg air 100 bliadhna.

LeAilig John Moireasdan
BBC NaidheachdanAg aithris àLeòdhas
  • Air fhoillseachadh

Tha seann inspeactair Comann Rìoghail Albannach airson Dìon nan Ainmhidhean (SSPCA) a' toirt rabhadh gum faodadh gum fuiling beathaichean agus an carthannas air co-dhùnadh gearradh air ais air na seirbheisean aca sna h-Eileanan an Iar.

Dh'innis an SSPCA sa Mhàrt gu bheil iad am beachd gluasad bho cheithir roinnean gu trì ann an Alba agus iad airson gearraidhean 20% a dhèanamh.

Bheir seo buaidh air Arcaibh, Sealtainn agus na h-Eileanan an Iar far an robh Calum Watt 35 bliadhna ag obair dhan bhuidhinn mus do leig e seachad a dhreuchd bho chionn dà bhliadhna.

Thuirt e gu bheil an co-dhùnadh gun inspeactairean a bhith sna sgìrean eileanach seo tuilleadh "do-chreidsinneach" agus "nas miosa na craicte".

"Na buill ris an do bhruidhinn mise sa bhaile tha iad ag ràdh mura bi cuideigin aca cha bhi sinn a' toirt seachad airgid - mar sin, fuilingidh beathaichean," thuirt e.

Thuirt neach-labhairt a' charthannais gun leanadh iad orra a' dèiligeadh ri draghan a' phobaill le bhith ag obair le bheataichean ionadail agus buidhnean eile.

Cù dubh
Fo-thiotal an deilbh,

Tha dragh ann gum faod beathaichean fulang mura bi inspeactairean an SSPCA sna h-eileanan

Ge-tà, thuirt prìomh lighiche-sprèidh nan Eilean Siar, Hector Low, gun do dh'fheuch e ri freagairt fhaighinn bhon SSPCA nuair a dh'iarr e soillearachadh.

"'S e a' chiad fhios a bh' againn am brath-naidheachd a sgaoil iad. B' e sin a' chiad mhìneachadh a fhuair sinn air na bha san amharc aca.

"Thuirt iad gum biodh iad a' cumail nan ceanglaichean leis na buidhnean compàirteachais aca, an t-ionad-bheata ionadail agus an t-ùghdarras ionadail, ach cha d' fhuair sinn conaltradh sam bith.

"Chan e suidheachadh ro mhath a th' ann, agus cha bu chòir cùisean a làimhseachadh mar seo," thuirt Mgr Low.

An lighiche-sprèidh, Hector Low
Fo-thiotal an deilbh,

Tha an lighiche-sprèidh Hector Low ag ràdh nach do bhruidhinn an SSPCA ris mun phlana aca

Ann am brath chun a' BhBC, thuirt an SSPCA gu bheil na cosgaisean aca air èirigh agus gu bheil barrachd iarrtais ann airson nan seirbheisean aca.

Thuirt neach-labhairt: "Leis nach eil sinn a' faighinn airgid riaghaltais, tha sinn gu tur an eisimeil fialaidheachd sluagh na h-Alba.

"Tha sinn air ath-sgrùdadh a dhèanamh air mar as fheàrr a chosgas sinn am beagan airgid a th' againn a chùm buannachd nam beathaichean as motha ann an cunnart."

Ged nach bi goireasan aca stèidhichte sna h-eileanan, thuirt iad nach bi iad a' cur an cùl ri coimhearsnachdan le bhith a' faighinn taic bheataichean is bhuidhnean ionadail.

Thuirt iad: "Cha do dh'atharraich am misean againn. Tha sinn fhathast le dealas peataichean, fiadh-bheatha agus sprèidh feadh Alba a dhìon."