Àireamh pheataichean gan tòirt dhan SSPCA ag èiridh

Dh'innis an SSPCA gu bheil na h-àireamhan a tha a' fònadh thuca 's iad airson na peataichean aca a chur bhuapa air a dhol an-àird 33% bhon a bhuail an staing ann an cosgaisean bith-beò.

An-uiridh dhèilig a' bhuidheann ri còrr is 4000 neach a bha airson beathaichean a thoirt seachad 's iad ag ràdh gun robh e air fàs ro dhaor an cumail.

Tha an aithris seo aig Mairi Riddoch.