Naidheachdan 11:00m

Am Prìomhaire

An dèidh dha na Cumantan bhòtadh an-raoir an aghaidh rannsachadh air Sir Keir Starmer mu shuidheachadh a' Mhorair Mandelson, bidh aig a' Phrìomhaire ri dhol air beulaibh bhall-pàrlamaid an-diugh a-rithist, aig àm Ceistean a' Phrìomhaire. Seo an àm cheist mu dheireadh mus sgaoil a' Phàrlamaid airson nan taghaidhean. Ged a bhuannaich an riaghaltas an aghaidh rannsachaidh gu furasta an-raoir, bhòt 14 de bhuill Làbarach leis na dùbhlanaich, agus bha àireamh mhòr eile dhiubh a sheachain bhòtadh.

An Rìgh

Tadhailidh an Rìgh 's a' Bhanrigh air Cuimhneachan 9/11 ann an New York an-diugh, air an turas dha na Stàitean Aonaichte. Rinn an Rìgh moladh mòr air càirdeas an dà dhùthaich ann an òraid ris a' Chòmhdhail an-raoir. Thuirt e gum feumadh Breatainn agus na Stàitean seasamh còmhla nam buill de NATO. Thuirt an Ceann-suidhe Trump an uairsin aig dìnnear san Taigh Gheal nach robh càirdeas eadar dùthachannan a-riamh coltach ris.

Deasbad

Chaidh sradag do thaghadh-pàrlamaid na h-Alba anns an deasbad cheannardan air STV an-raoir. Bha suidheachadh an NHS agus cosgais bith-beò gu mòr nan cuspairean deasbaid. Chaidh na ceannardan a-mach air a chèile gu ìre, 's iad tric a' bruidhinn thairis air a chèile.

An Hebrides

Dhearbh CalMac nach till an MV Hebrides gu seirbheis gu Dihaoine, 's i briste. Leanaidh an siostam a chuir iad an sàs na h-àite gu an uairsin, air a' char as tràithe. An dèidh trioblaid le bogsa nan gèaraichean aice a chàradh ann an Lìte, sheòl i às an doc an sin Là na Sàbaid, ach chaidh an uairsin aodion fhaighinn ann an innleachd an rampa toisich aice, 's chaidh a toirt a dh'Obar Dheathain airson sin a chur ceart. Chunnaic iad an uairsin gun robh trioblaid ann le prìomh einnsean an t-soithich agus aodion eile air deice a' mhezzanine. Feumaidh gach nì a tha sin a bhith air a chàradh mus till i Dihaoine. Thuirt CalMac gun deadh tuilleadh fiosrachaidh a chumail ri daoine eadar seo is sin.

Teine

Thug luchd-smàlaidh an oidhche a' cur smachd air teine aig taigh-òsta ann am Fìobha. Chaidh an gairm mu 10:00f an-raoir gu Taigh-Òsta an Naomh Mìcheil ann an Luacharas. Thuirt Comhairle Fhìobha gu bheil bacadh air rathaidean sa bhaile fhathast air a sgàth.