Corp air a lorg an dèidh do dheugaire a dhol a dhìth an loch air Ghàidhealtachd

Loch an Doirb agus na seirbheisean èiginn a fhuair corp balaich
Fo-thiotal an deilbh,

Thuirt na poilis gun d' fhuaireadh lorg air a' chorp goirid ro 11.30 Dihaoine

  • Air fhoillseachadh

Tha luchd-cobhair a bha a-muigh a' coimhead airson deugaire a bha a dhìth air corp a thoirt à loch air a' Ghàidhealtachd.

Chaidh na seirbheisean èiginn a ghairm gu Loch an Doirb faisg air Baile nan Granndach goirid an dèidh 5:00f Diardaoin agus aithrisean ann gun robh gille, 17, ann an duilgheadas san uisge.

Chaidh an iomairt a chur dheth aig 10:55 oidhche Dhiardaoin agus e a' fàs dorcha ach thòisich i a-rithist madainn Dihaoine.

Loch an Doirb
Fo-thiotal an deilbh,

Dhearbh na poilis gun deach fios a chur air teaghlach a' ghille

Thuirt Poileas Alba gun deach an corp fhaighinn mu 11:25m agus gun deach fios a chur air teaghlach a' bhalaich.

Thuirt neach-labhairt: "Cha deach aithne fhoirmeil a dhèanamh fhathast ach chaidh bruidhinn ri teaghlach òganaich 17 bliadhna de dh'aois mun d' fhuair sinn aithris mu 5:00f Diardaoin 30mh den Ghiblen gun robh e ann an èiginn san uisge.

"Chan eil dùil againn gu bheil càil amharasach mun bhàs agus thèid aithisg a chur gu Neach-Casaid a' Chrùin."

Bha Seirbheis Smàlaidh is Teasairginn na h-Alba, Poileas Alba agus criutha heileacoptar nam Maor-Cladaich uile an sàs san iomairt.