Geàrr-chunntas

  1. Cuideam mòr air a' Phrìomhaire às ùrair fhoillseachadh aig 11:37 TSB

    Sir Keir StarmerTùs an deilbh, Getty Images

    'S e fìor dhroch oidhche a bh' ann dhan Phàrtaidh Làbarach.

    Ged a bha soirbheachas aca anns na h-Eileanan an Iar far an do bhuannaich iad 'son a' chiad uair bho 2007, gu nàiseanta 's e an taghadh Albannach as miosa a bha riamh aca.

    'S e cuideachd an tagadh Cuimreach as miosa a bh' aca - a thuilleadh air an sgrios a rinneadh orra ann an taghaidhean ionadail Shasainn.

    Tha timcheall air 20 BP Làbarach air iarraidh air Sir Keir Starmer a dhreuchd fhàgail.

    'S e thuirt am Prìomhaire ach gum beachdaich e air an teachdaireachd a thug am poball dha - ach gu bheil e gu daingeann airson atharrachaidhean a gheall e bho thùs a chur an sàs.

  2. Offord - buidheann air leth airson bun-stèidh aig Holyroodair fhoillseachadh aig 11:25 TSB

    Mar a bha mòran air a bhith a' sùileachadh, rinn Reform adhartas glè mhòr san taghadh.

    Cha robh ball thaghte roimhe aig a' phartaidh a tha a' gealltainn gearradh ann an cìsean agus dèiligeadh ri inimreachas, ged a bha buill air a dhol thuca o phartaidhean eile.

    Thuirt ceannard Reform ann an Alba, Sir Malcolm Offord, gun robh e air a bhith ag amas air còrr air 20 BPA ach gun robh an 17 a fhuair iad na "bhuidheann glè mhath airson bun-stèidh a chur air bhonn taobh a-staigh Holyrood".

    Chaidh esan a thaghadh far liosta Alba an Iar - cha do bhuannaich am partaidh roinn-phàrlamaid sam bith ach rinn iad gu math nas fheàrr air na liostaichean air feadh na dùthcha.

    Thuirt Sir Malcolm gum biodh am partaidh nan dùbhlannaich agus nan sgrùdairean air an riaghaltas Albannach.

    Sir Malcolm OffordTùs an deilbh, PA Media
  3. Partaidh sam bith ach Reform UKair fhoillseachadh aig 11:17 TSB

    A rèir deasaiche naidheachd Albannach a' BhBC, James Cook, thuirt Iain Swinney gun obraicheadh e airson "co-rèiteachadh fhaighinn" le partaidh sam bith ACH Reform UK. Thuirt e gun robh "luachan gu tur eadar-dhealaichte" acasan an coimeas ris fhèin.

    "Tha daoine a' faireachdainn cugallach," thuirt e.

    "Tha cùisean cruaidh. Tha an saoghal bun-os-cionn agus tha mi a' smaoineachadh gur e a tha daoine ag iarraidh Prìomh Mhinistear a bheir daoine còmhla," thuirt Mgr Swinney.

    Tha James Cook a' dèanamh dheth gum bi Mgr Swinney cofhurtail gu leòr le bhith os cionn riaghaltas beag-chuid agus le bhith a' dèiligeadh le diofar phartaidhean air cùisean mar a dh' fheumas e.

  4. Dòmhnall Iain air meal an naidheachd a chur air Mgr Swinneyair fhoillseachadh aig 11:12 TSB

    Trump is SwinneyTùs an deilbh, An Taigh Geal

    Tha Ceann-suidhe nan Stàitean Aonaichte air meal an naidheachd a chur air Iain Swinney air "buaidh mhòr an taghaidh".

    A' sgrìobhadh air na meadhanan-sòisealta aige fhèin, thuirt e gur e duine math a bh' ann an ceannard an SNP a dh' obraich gu math cruaidh, còmhla ri Rìgh is Bànrigh na Rìoghachd Aonaichte a thaobh faochadh air cìsean air uisge-beatha Albannach agus gun robh e airidh air buannachadh.

    Bha Mgr Swinney a' coiteachadh airson 's gun deadh cuidhteas fhaighinn dha na cìsean air uisge-beatha agus shiubhail e dha na Stàitean airson argamaid a dhèanamh airson an togail.

    Sguab Mgr Trump na cìsean air falbh an dèidh dhan Rìgh a bhith thall air turas stàite anns a' Ghiblean.

  5. Maratonair fhoillseachadh aig 11:05 TSB

    Là fìor fhada a bh' ann agus nas fhaide buileach air a' Ghàidhealtachd. Cha d' fhuair sinn buil na bhòt sgìreil airson na Gàidhealtachd is nan Eilean gu às dèidh 01:00m - grunn uairean de thìde às dèidh nan toraidhean eile uile a bhith a-staigh. Tha teans gum bi ceistean fhathast mun sin oir chan e a' chiad trup a thachair e a bharrachd.

    'S e am fear-naidheachd againn Alasdair MacLeòid, a tha mar as trice stèidhichte san Eilean Sgitheanach, a bha a' feitheamh gu foighidneach airson buil na Gàidhealtachd ann an Inbhir Nis agus seall an duine seo ris an do thachair e aig cunntadh nam bhòtaichean ann an uairean beaga na maidne.

    Am Midnight Ploughboy is am Portree Kid air ais còmhla!

    Midnight Ploughboy
  6. Madainn mhathair fhoillseachadh aig 11:00 TSB

    A' mhadainn às dèidh na h-oidhche bh' ann is tha sinn air ais còmhla ribh.

    Abair là iongantach a bh' ann is cunntadh nam bhòtaichean a' dol air feadh na h-Alba.

    Chrìochnaich cùisean air a' cheann thall leis an SNP mar a' phàrtaidh as motha le 58 ball ach gann de mhòr-chuid.

    San dàrna àite bha na Làbaraich is Reform is 17 buill aca.

    Rinn na h-Uainich adhartas is 15 ball aca.

    Bha droch là aig na Tòraidhean is iadsan a' crìochnachadh le 12 ball - sìos 19.

    Tha 10 Lib Deamach a' dol gu Holyrood is iadsan air adhartas a dhèanamh air a' Ghàidhealtachd.

    Fuirich còmhla rinn is sinn a' cnuasachadh air buil na bhòt.

    Bho mheadhan-là cuideachd gheibh sibh An Taghadh air BBC Radio nan Gàidheal beò aig mullach na duilleige.

  7. Sùil air ais air Taghadh Holyrood 2026air fhoillseachadh aig 01:35 TSB

    Fàgaidh sinn sibh le sùil air ais tro Thaghadh na h-Alba 2026.

  8. Sin e ma-thàair fhoillseachadh aig 01:32 TSB

    Tha an SNP air an taghadh seo a bhuannachadh is iad fada air thoiseach air na partaidhean eile, ach gann de mhòr-chuid.

    Chì sinn anns na làithean ri thighinn dè dìreach a bhios seo uile a' ciallachadh dhan phàrlamaid ùir.

    Bidh sinn air ais an seo madainn Disathairne aig 11:00 le beachdan is cnuasachadh a bharrachd agus bidh cuideachd prògram againn air BBC Radio nan Gàidheal eadar 12f is 1f.

    Chun uairsin, taing mhòr 'son a bhith còmhla rinn agus oidhche (no madainn) mhath!

  9. An dealbh slànair fhoillseachadh aig 01:28 TSB

    Agus seo mar a tha e a' fàgail chùisean is na toraidhean uile againn.

    Staid nam partaidhean
  10. A' Ghàidhealtachd is na h-Eileananair fhoillseachadh aig 01:23 TSB

    A' Ghàidhealtachd is nan Eilean

  11. Seo e a-niseair fhoillseachadh aig 01:20 TSB

    Seo na buill a tha air soirbheachadh ann an sgìre taghaidh na Gàidhealtachd is nan Eilean:

    • Vic Currie - Reform
    • Max Bannerman - Reform
    • Ariane Burgess - Uainich
    • Kristopher Leask - Uainich
    • Tim Eagle - Tòraidhean
    • Morven May MacCallum - Lib Deamaich
    • Maree Todd - SNP

  12. Cowboy Inbhir Nisair fhoillseachadh aig 00:45 TSB 9 An Cèitean

    Alasdair MacLeòid
    Ag aithris à cunntadh nam bhòtaichean air a' Ghàidhealtachd

    Chan eil fhios ‘am a bheil cowboy air nochdadh, no an e gu bheil an sgìths a’ laighe orm…?

    Cowboy
  13. Dòchas?air fhoillseachadh aig 00:41 TSB 9 An Cèitean

    Alasdair MacLeòid
    Ag aithris à cunntadh nam bhòtaichean air a' Ghàidhealtachd

    Cuid dhe na bùird-bhòtaidh a-nise falamh, cuid eile air an toirt air falbh… an urrainn dha idir a bhith gu bheil deireadh a’ chunnt air fàire?

    Cunnt na Gàidhealtachd
  14. Sgìosair fhoillseachadh aig 00:30 TSB 9 An Cèitean

    Dealbh bhon fhear-naidheachd againn Iain MacAonghais, a tha cuideachd an làthair aig cunntadh nam bhòtaichean ann an Ionad Spòrs Inbhir Nis.

    Chan eil fiosam a bheil cus spòrs a' dol an sin an-dràsta is daoine a-nise a' fàs gu math sgìth.

    Tha sinn a' feitheamh fhathast airson buil na Gàidhealtachd is nan Eilean.

    Daoine sgìth aig cunnt na Gàidhealtachd
  15. Cudromachair fhoillseachadh aig 00:22 TSB 9 An Cèitean

    Kirsten Chaimbeul

    Tha tè-naidheachd phoileataigeach BBC Scotland Kirsten Chaimbeul air togail air mar a bha cuid de luchd-naidheachd ag ràdh gum bi iad ag ionndrainn cunntadh tron oidhche - tha e againn fhathast an seo air a' Ghàidhealtachd!

    Ach tha Kirsten a' togail cuideachd air cho cudromach 's a tha an toradh mu dheireadh seo: innsidh e dhuinn cò an dàrna partaidh as motha a bhios ann is cò gheibh an cothrom a' chiad cheist fhaighneachd aig Ceistean a' Phrìomh Mhinisteir.

  16. Seataichean liostaair fhoillseachadh aig 23:56 TSB 8 An Cèitean

    Tha iad a' cunntadh fhathast ann an Inbhir Nis, ach seo suidheachadh nan seataichean liosta aig an ìre seo is na seachd sgìrean eile air an gairm (bho chionn fhada an t-saoghail).

    Seataichean liosta
  17. Buil na Gàidhealtachdair fhoillseachadh aig 23:26 TSB 8 An Cèitean

    Tha sinn a' feitheamh fhathast ach chan eil e soilleir idir cuine thig na toraidhean mu dheireadh à cunntadh nam bhòtaichean ann an Inbhir Nis.

    Bheir sinn am fiosrachadh thugaibh cho luath 's a thig e. Agus mura dèan iad cabhag, bidh cothrom againn na tadhail san iomain a-màireach a thoirt thugaibh cuideachd.

  18. Faclan gu math glic!air fhoillseachadh aig 23:03 TSB 8 An Cèitean

    Alasdair MacLeòid
    Ag aithris à cunntadh nam bhòtaichean air a' Ghàidhealtachd

    Thig crìoch air an t-saoghal, ach mairidh gaol, ceòl, is cunnt Ionad Spòrs Inbhir Nis.

  19. Cunntadh a' leantainn ann an Inbhir Nisair fhoillseachadh aig 22:48 TSB 8 An Cèitean

    Robh iad glic gu leòr pocanan cadail a thoirt leotha ge-tà?

    'S dòcha gum bi feum orra fhathast.....

  20. Comhfhurtachd aig cuidair fhoillseachadh aig 22:47 TSB 8 An Cèitean

    Alasdair MacLeòid
    Ag aithris à cunntadh nam bhòtaichean air a' Ghàidhealtachd

    ‘S iad a bha glic ach Mary is Janice a thàinig dhan chunnt le seathraichean math, cofhurtail.

    Mary is Janice