Geàrr-chunntas

  1. Tìoraidh an-dràstaair fhoillseachadh aig 13:15 TSB 9 An Cèitean

    Sin e bho An Taghadh 2026 air BBC Radio nan Gàidheal ma-thà agus sin e cuideachd bhuainn an seo le duilleag bheò an Taghaidh.

    Thòisich sinn aig 09:45 madainn an-dè - 's iomadh rud a thachair bhon uairsin! Taing mhòr airson a bhith còmhla rinn.

    Chì sibh barrachd mun taghadh air An Là air BBC ALBA a-nochd aig 5:45f agus a-màireach aig 6:15f, agus cluinnidh gu dearbh tuilleadh air Aithris na Maidne air BBC Radio nan Gàidheal bho 07:30m Diluain.

  2. Ball ùr nan Eilean Siarair fhoillseachadh aig 13:01 TSB 9 An Cèitean

    Tha sinn air a bhith a' cluinntinn mu na buill ùra a tha a' dol gu Holyrood is nam measg bidh riochdaire ùr nan Eilean Siar.

    Fhuair Dòmhnall MacFhionghain an roinn airson nan Làbarach 'son a' chiad turas bho 2007 - a' toirt gu ceann linn Alasdair Allan bhon SNP.

    Gheall Mgr MacFhionghain a bhith na ghuth làidir dha na h-Eileanan an Iar ann an Dùn Èideann.

    Dòmhnall MacFhionghain
  3. Cunntasan-bheachdair fhoillseachadh aig 12:51 TSB 9 An Cèitean

    Murchadh MacLeòid

    A' bruidhinn air prògram an taghaidh air BBC Radio nan Gàidheal, tha am fear-naidheachd Murchadh MacLeòid cuideachd air a bhith a' togail air Sir Keir Starmer agus an suidheachadh cugallach anns a bheil e.

    Thog e air gu bheil Sir Keir, a rèir-choltais, air a' bheò-ghlacadh le cunntasan-bheachd: "Fuirich gus am faic e dè tha na tomhaisean-beachd ag ràdh mu dheidhnn fhèin!"

  4. Ceannard an SNP "moiteil an dèidh buaidh làidir"air fhoillseachadh aig 12:44 TSB 9 An Cèitean

    BPAs ùra ann an Dun EideannTùs an deilbh, PA Media

    Tha buill ùra an SNP air an dòigh glan ann an Dùn Èideann an-dràsta.

    Tha cuid den 58 ùr ach feadhainn eile a' tilleadh airson teirm eile.

    Thuirt an ceannard aca Iain Swinney gun robh e "air leth moiteil" agus thuirt e gur e "buaidh làidir" a bha ann.

    Thuirt e cuideachd gun robh tòrr aca ri dhèanamh agus gun robh iad a' coimhead air adhart ris an obair sin.

    Cumaidh Mgr Swinney coinneamh-naidheachd an-diugh fhathast.

  5. Taic Sir Keir Starmer a' crìonadh?air fhoillseachadh aig 12:40 TSB 9 An Cèitean

    Anna NicLeòid
    Ag aithris à Lunnainn

    Tha ùghdarras a' Phrìomhaire air droinneadh fhaighinn. Tha grunn bhall-pàrlamaid air tighinn a-mach mar-thà is iadsan ag ràdh gum feum e falbh.

    Chanadh tu a' coimhead ri feadhainn dhiubh gur e na h-usual suspects a th' annta - ach tha feadhainn eile nach eil air a bhith cho cruaidh air thuige seo, a thug cothrom dha thuige seo.

    Tha iadsan a-nise a-muigh no a-mach ag ràdh gum bu chòir dha falbh.

  6. Michelle O'Neill air teachdaireachd a chur gu Swinneyair fhoillseachadh aig 12:33 TSB 9 An Cèitean

    Michelle O'NeillTùs an deilbh, Getty Images

    Tha Prìomh Mhinistear Èirinn a Tuath, Michelle O'Neill, air meal an naidheachd a chur air Iain Swinney airson buaidh an SNP.

    Thuirt iar-cheann-suidhe Sinn Féin cuideachd gun robh i air fios a chur air ceannard Plaid Cymru anns a' Chuimrigh, Rhun ap Iorwerth, an dèidh dhaibhsan buannachadh an sin.

    Tha triùir a tha a' taiceachadh neo-eismileachd gu bhith nan ceannardan air na dùthchannan fèin-riaghailte, a rèir choltais, airson a' chiad turas.

    "Tha mi coimhead air adhart ri bhith a' togail air a' chàirdeas eadar sluagh nan dùthchanan aca agus ri bhith ag obair gu dlùth le Iain is Rhun san ùine air thoiseach," thuirt Ms O' Neill air X.

  7. Ceist na Gàidhlig?air fhoillseachadh aig 12:26 TSB 9 An Cèitean

    Iain Fearchar Rothach

    Tha cuid mar-thà air togail air suidheachadh na Gàidhlig sa phàrlamaid ùir.

    Cho fad ʼs as fhiosrach sinn, 's e seo a' chiad turas bho chaidh Pàrlamaid na h-Alba ath-stèidheachadh ann an 1999 nach bi BPA idir ann aig a bheil Gàidhlig (cur fios thugainn ma tha fios agaibh gu bheil Gàidhlig aig gin de na buill no ma tha thu leughadh seo agus gur e ball le Gàidhlig a th' annad).

    Bhiodh seo a' briseadh ceangal a bh' ann bho thùs le Iain Fearchar Rothach nach maireann is Alasdair Moireasdan is a thug a-steach buill bhon uairsin ann an diofar phartaidhean.

    'S i a' cheist a bhios air luchd-iomairt an toir seo buaidh sam bith air suidheachadh a' chànain agus àm cudromach nuair a tha gnìomhan Achd nan Cànanan Albannach gan cur an sàs.

  8. Dreach ùr air Pàrlamaid na h-Albaair fhoillseachadh aig 12:20 TSB 9 An Cèitean

    Mìcheal MacNèill
    Fear-naidheachd poilitigeach

    Ma choimheadas tu air na buill ùra air fad, tha 64 ball ùr sa phàrlamaid. 33 dhiubh sin anns na sgìrean pàrlamaid agus 31 air na h-ochd roinnean.

    Tha dreach gu math eadar-dhealaichte gu bhith air a' phàrlamaid ùir seo.

  9. Cò tha seo?air fhoillseachadh aig 12:10 TSB 9 An Cèitean

    Caxy, Darren is Stephen

    Cho coltach 's a tha an luchd-obrach againn an seo aig BBC Naidheachdan ri BPA ùr Obar Dheathain Taobh Dè is Ceann Chàrdain a Tuath is ceannard an SNP aig Westminster - Stephen Flynn!

    An aithnich sibh am fear-naidheachd poileataigeach againn Darren Linc, no am fear-naidheachd Calum MacAmhlaigh agus Mgr Flynn bho chèile?!

    #chocoltachrichèileridàsgadan(trì)

  10. Fo-thaghaidhean Westminster air fàireair fhoillseachadh aig 12:05 TSB 9 An Cèitean

    Tha buil bhòt an là an-dè a-nise a' ciallachadh gun tèid dà fo-thaghadh a chumail aig Westminster leis gun deach dithis bhall a thaghadh airson suidhe aig Holyrood.

    Feumaidh Partaidh Nàiseanta na h-Alba ceannard ùr a thaghadh aig Westminster. Chaidh Stephen Flynn a thaghadh mar bhall den Phàrlamaid Albannaich ann an roinn-phàrlamaid Obar Dheathain Taobh Dè is Ceann Chàrdain a Tuath an-dè.

    Tha e air a bhith a' riochdachadh Obar Dheathain a Deas mar bhall aig Westminster bho 2019. Tha e air a bhith na cheannard air buidheann an SNP aig Westminster bho 2022.

    Bhuannaich Stephen Gethins roinn-phàrlamaid Baile Dhùn Dè an Ear don SNP. Tha esan air a bhith na bhall-pàrlamaid aig Westminster airson Obar Bhrothaig is Broughty Ferry o 2024.

    Tha riaghailtean a chaidh a chur an sàs ann an 2025 a' casg dhaoine bho bhith nam buill san dà phàrlaamid aig an aon am.

  11. An Taghadh 2026 air BBC Radio nan Gàidhealair fhoillseachadh aig 12:00 TSB 9 An Cèitean

    Cuimhnichibh gu bheil An Taghadh 2026 dìreach gus tòiseachadh air BBC Radio nan Gàidheal is an sgioba gus a bhith a' beachdachadh air buil na bhòt is an t-slighe air adhart.

    Faodaidh sibh èisteachd aig mullach na duilleige agus bheir sinn cuideachd blas den phrògram thugaibh an seo fhèin.

  12. Lib Deamaich air an dòighair fhoillseachadh aig 11:54 TSB 9 An Cèitean

    Ailg Cole-Hamilton is Sir Ed DaveyTùs an deilbh, PA

    Tha na Lib Deamaich cuideachd gu math toilichte an-diugh is 10 ball aca uile gu lèir.

    Ged a chaill iad Sealtainn 'son a' chiad uair ann an taghadh Holyrood, ghabh iad dà roinn bhon SNP air a' Ghàidhealtachd: Gallaibh, Cataibh is Ros agus An t-Eilean Sgitheanach, Loch Abar is Bàideanach.

    Thuirt Ailig Cole-Hamilton gur e là fìor shoirbheachail a bh' ann dhan phartaidh.

    "Tha mi air a bhith soiller bho thùs - cha bhi co-bhanntachd againn leis an SNP," thuirt e.

    "Ma thilleas Iain Swinney gu Taigh Bhòid, bhiodh sinn deònach obrachadh leis air cùisean fa leth mar a nochdas iad".

  13. Tòraidhean Albannach sìos gu 12 seataicheanair fhoillseachadh aig 11:48 TSB 9 An Cèitean

    Chaill na Tòraidhean an seasamh aca mar a' phrìomh phartaidh dùbhlanach aig Holyrood. B' e an taghadh Albannach a bu mhiosa dhaibh agus iad a' crìochnachadh le 12 seat.

    Tha an ceannard aca an seo ann an Alba, Russell Findlay, ann am Moffat anns a' cheann a deas - sgìre a' bhalla ghuirm - far an do ghlèidh am partaidh trì seataichean ann an taghadh an là an-dè.

    Chaill seann cheannard a' phartaidh Jackson Carlow roinn Eastwood.

    Thuirt Mgr Findlay gun robh bhòtaichean Reform a' ciallachadh gun do chaill na Tòraidhean ris an SNP ann an grunn àiteachan.

  14. "Là air leth" airson nan Uaineachair fhoillseachadh aig 11:43 TSB 9 An Cèitean

    Uainich air an dòighTùs an deilbh, PA Media

    Tha co-cheannard nan Uaineach, Ross Greer, ag ràdh gun robh là air leth is là eachdraidheil aig a' phartaidh.

    Fhuair iad 15 ball is a dhà dhiubh anns na roinnean - a' chiad turas a rinn iad sin.

    Tha Mgr Greer ag ràdh gu bheil na h-Uainich bho thùs air a bhith deònach co-obrachadh le pàrtaidhean eile aig Holyrood is gur sin a nì iad a-rithist.

    'S e am prìomhachas a tha aca, thuirt e, còmhdhail bus an asgaidh dhan a h-uile duine, ach gu bheil cruaidh fheum air neo-eisimeileachd.

  15. Cuideam mòr air a' Phrìomhaire às ùrair fhoillseachadh aig 11:37 TSB 9 An Cèitean

    Sir Keir StarmerTùs an deilbh, Getty Images

    'S e fìor dhroch oidhche a bh' ann dhan Phàrtaidh Làbarach.

    Ged a bha soirbheachas aca anns na h-Eileanan an Iar far an do bhuannaich iad 'son a' chiad uair bho 2007, gu nàiseanta 's e an taghadh Albannach as miosa a bha riamh aca.

    'S e cuideachd an tagadh Cuimreach as miosa a bh' aca - a thuilleadh air an sgrios a rinneadh orra ann an taghaidhean ionadail Shasainn.

    Tha timcheall air 20 BP Làbarach air iarraidh air Sir Keir Starmer a dhreuchd fhàgail.

    'S e thuirt am Prìomhaire ach gum beachdaich e air an teachdaireachd a thug am poball dha - ach gu bheil e gu daingeann airson atharrachaidhean a gheall e bho thùs a chur an sàs.

  16. Offord - buidheann air leth airson bun-stèidh aig Holyroodair fhoillseachadh aig 11:25 TSB 9 An Cèitean

    Mar a bha mòran air a bhith a' sùileachadh, rinn Reform adhartas glè mhòr san taghadh.

    Cha robh ball thaghte roimhe aig a' phartaidh a tha a' gealltainn gearradh ann an cìsean agus dèiligeadh ri inimreachas, ged a bha buill air a dhol thuca o phartaidhean eile.

    Thuirt ceannard Reform ann an Alba, Malcolm Offord, gun robh e air a bhith ag amas air còrr air 20 BPA ach gun robh an 17 a fhuair iad na "bhuidheann glè mhath airson bun-stèidh a chur air bhonn taobh a-staigh Holyrood".

    Chaidh esan a thaghadh far liosta Alba an Iar - cha do bhuannaich am partaidh roinn-phàrlamaid sam bith ach rinn iad gu math nas fheàrr air na liostaichean air feadh na dùthcha.

    Thuirt Mgr Offord gum biodh am partaidh nan dùbhlanaich agus nan sgrùdairean air an riaghaltas Albannach.

    Sir Malcolm OffordTùs an deilbh, PA Media
  17. Partaidh sam bith ach Reform UKair fhoillseachadh aig 11:17 TSB 9 An Cèitean

    A rèir deasaiche naidheachd Albannach a' BhBC, James Cook, thuirt Iain Swinney gun obraicheadh e airson "co-rèiteachadh fhaighinn" le partaidh sam bith ACH Reform UK. Thuirt e gun robh "luachan gu tur eadar-dhealaichte" acasan an coimeas ris fhèin.

    "Tha daoine a' faireachdainn cugallach," thuirt e.

    "Tha cùisean cruaidh. Tha an saoghal bun-os-cionn agus tha mi a' smaoineachadh gur e a tha daoine ag iarraidh Prìomh Mhinistear a bheir daoine còmhla," thuirt Mgr Swinney.

    Tha James Cook a' dèanamh dheth gum bi Mgr Swinney cofhurtail gu leòr le bhith os cionn riaghaltas beag-chuid agus le bhith a' dèiligeadh le diofar phartaidhean air cùisean mar a dh' fheumas e.

  18. Dòmhnall Iain air meal an naidheachd a chur air Mgr Swinneyair fhoillseachadh aig 11:12 TSB 9 An Cèitean

    Trump is SwinneyTùs an deilbh, An Taigh Geal

    Tha Ceann-suidhe nan Stàitean Aonaichte air meal an naidheachd a chur air Iain Swinney air "buaidh mhòr an taghaidh".

    A' sgrìobhadh air na meadhanan-sòisealta aige fhèin, thuirt e gur e duine math a bh' ann an ceannard an SNP a dh' obraich gu math cruaidh, còmhla ri Rìgh is Bànrigh na Rìoghachd Aonaichte a thaobh faochadh air cìsean air uisge-beatha Albannach agus gun robh e airidh air buannachadh.

    Bha Mgr Swinney a' coiteachadh airson 's gun deadh cuidhteas fhaighinn dha na cìsean air uisge-beatha agus shiubhail e dha na Stàitean airson argamaid a dhèanamh airson an togail.

    Sguab Mgr Trump na cìsean air falbh an dèidh dhan Rìgh a bhith thall air turas stàite anns a' Ghiblean.

  19. Maratonair fhoillseachadh aig 11:05 TSB 9 An Cèitean

    Là fìor fhada a bh' ann agus nas fhaide buileach air a' Ghàidhealtachd. Cha d' fhuair sinn buil na bhòt sgìreil airson na Gàidhealtachd is nan Eilean gu às dèidh 01:00m - grunn uairean de thìde às dèidh nan toraidhean eile uile a bhith a-staigh. Tha teans gum bi ceistean fhathast mun sin oir chan e a' chiad trup a thachair e a bharrachd.

    'S e am fear-naidheachd againn Alasdair MacLeòid, a tha mar as trice stèidhichte san Eilean Sgitheanach, a bha a' feitheamh gu foighidneach airson buil na Gàidhealtachd ann an Inbhir Nis agus seall an duine seo ris an do thachair e aig cunntadh nam bhòtaichean ann an uairean beaga na maidne.

    Am Midnight Ploughboy is am Portree Kid air ais còmhla!

    Midnight Ploughboy
  20. Madainn mhathair fhoillseachadh aig 11:00 TSB 9 An Cèitean

    A' mhadainn às dèidh na h-oidhche bh' ann is tha sinn air ais còmhla ribh.

    Abair là iongantach a bh' ann is cunntadh nam bhòtaichean a' dol air feadh na h-Alba.

    Chrìochnaich cùisean air a' cheann thall leis an SNP mar a' phàrtaidh as motha le 58 ball ach gann de mhòr-chuid.

    San dàrna àite bha na Làbaraich is Reform is 17 buill aca.

    Rinn na h-Uainich adhartas is 15 ball aca.

    Bha droch là aig na Tòraidhean is iadsan a' crìochnachadh le 12 ball - sìos 19.

    Tha 10 Lib Deamach a' dol gu Holyrood is iadsan air adhartas a dhèanamh air a' Ghàidhealtachd.

    Fuirich còmhla rinn is sinn a' cnuasachadh air buil na bhòt.

    Bho mheadhan-là cuideachd gheibh sibh An Taghadh air BBC Radio nan Gàidheal beò aig mullach na duilleige.