Ghlèidh tagraiche an SNP Inbhir Nis is Inbhir Narann

- Air fhoillseachadh
Tha Emma Roddick air a' chùis a dhèanamh don SNP ann an roinn-phàrlamaid Inbhir Nis is Inbhir Narann ga toirt bho sheann bhall a' phartaidh aice, Fearghas Ewing.
Dh'fhàg Mgr Ewing an SNP san Ògmhios an-uiridh agus thuirt e gun seasadh e mar neo-eisimeileach.
Ann an 2021 bha mòr-chuid faisg air 10,000 aige.
Ge-tà, chrìochnaich e san treas àite air cùl an tagraiche Lib Deamaich Niall Alexander.
An turas seo, cha robh ach 427 bhòtaichean eadar Mgr Alexander agus Ms Roddick.
'S e an ath-sheisean den phàrlamaid a' chiad fhear far nach bi ball den teaghlach Ewing on chaidh a stèidheachadh às ùr ann an 1999.
