Seat a bh' aig an Leas-Phrìomh Mhinistear a' dol do na Lib Deamaich

Tha Anndra Baxter (deas) air a bhith na bhall de Chomhairle na Gàidhealtachd airson grunn bhliadhnaichean
- Air fhoillseachadh
Tha an tagraiche Lib Deamach, Anndra Baxter, air a' chùis a dhèanamh san Eilean Sgitheanach, Loch Abar is Bàideanach a bha fo stiùir ball an SNP Ceit Fhoirbeis bho 2016.
Fhuair Ms Fhoirbeis, a bha na Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba agus Ministear na h-Eaconomaidh is na Gàidhlig bho 2024, 21,793 bhòtaichean aig taghadh 2021.
Cha deach cho math le tagraiche a' phartaidh an trup-sa le Eilidh Rothach a' crìochnachadh san dàrna àite.
'S e gluasad mòr do na Lib Deamaich a chrìochnaich san treas àite ann an 2021.
Bha am partaidh gu mòr ag amas air adhartas a dhèanamh air a' Ghàidhealtachd agus seo an dàrna roinn aig tuath a thug iad bhon SNP.
Dh'innis Ms Fhoirbeis san Lùnastal an-uiridh gum biodh i a' fàgail na Pàrlamaid.
Bidh Anndra Baxter, a th' air a bhith grunn bhliadhnaichean na chomhairliche air a' Ghàidhealtachd, a ghabhas a h-àite.
