Thug na Lib Deamaich roinn Gallaibh, Cataibh is Ros bhon SNP

BPA Ghallaibh, Chataibh is Rois, Dàibhidh Green
Fo-thiotal an deilbh,

Bha Dàibhidh Green roimhe ag obair do Theàrlach Ceanadach nach maireann

  • Air fhoillseachadh

'S e an tagraiche Lib Deamach, Dàibhidh Green, a bhuannaich ann an Gallaibh, Cataibh is Ros - an roinn-phàrlamaid as motha a thaobh talmhainn san Rìoghachd Aonaichte.

Bha Maree Todd bhon SNP, aig an robh grunn dreuchdan an riaghaltasan an SNP, san dàrna àite.

Tha BPA ùr na sgìre air a bhith an sàs an obair nan Lib Deamach airson grunn bhliadhnaichean; bha e roimhe ag obair do sheann cheannard a' phartaidh, am ball-pàrlamaid Gàidhealach Teàrlach Ceanadach nach maireann.

Am measg nan dreuchdan riaghaltais aig Ms Todd bha i na Ministear Poileasaidh Dhrugaichean agus Deoch-Làidir, agus na Ministear airson Cùraim Shòisealta.

Bocsa le toradh na bhòt ann an Gallaibh, Cataibh agus Ros

Bha 14,666 bhòtaichean aig Mgr Green, agus fhuair Ms Todd 9,574.

Ghabh 54% den luchd-bhòtaidh pàirt san taghadh.

Tha 4,942 mìle cheàrnagach ann an Gallaibh, Cataibh agus Ros a tha a' dol bho Inbhir Pheofharain gu Inbhir Ùige, Inbhir Theòrsa agus Taigh Iain Ghròt.