Oidhche mhòr nan duaisean aig FilmG

- Air fhoillseachadh
Bidh oidhche mhòr ann an Glaschu Dihaoine dhaibhsan a tha an sàs ann am FilmG agus na duaisean gan toirt seachad.
Chaidh 127 fiolm a chur a-steach uile gu lèir am-bliadhna.
Thàinig 88 de na fiolmaichean sin anns an earrainn fo aois 18 bliadhna agus 39 bho dhaoine nas sine na 18.
'S e seo an 17mh turas a chaidh na duaisean a chumail.
Ach airson a' chiad turais ann an eachdraidh nan duaisean, cha deach cuspair sònraichte a thoirt dhan fheadhainn a bha a' deanamh nam fiolmaichean.
Thuirt sgioba FilmG gun d'rinn iad sinn mar thoradh air fiosrachadh a fhuair iad bho fhiolmadairean a bha ag iarraidh gum biodh an cuspair air fhàgail fosgailte.
Bha iad cuideachd air roinnean nan duaisean fhoillseachadh às dèidh dhaibh na fiolmaichean fhaighinn.

FilmG aig an SEC ann an 2024
Bidh na duaisean aig an SEC 'son na dàrna bliadhna is FilmG ag ràdh gun do shoirbhich gu mòr leotha an sin an-uiridh.
Thuirt Stiùiriche Pròiseict FilmG, Murchadh MacSuain, ged a tha lùghdachadh beag air thighinn air an àireimh de dh'fhiolmaichean a chaidh a chur a-steach an coimeas ri an-uiridh, tha iad a' faicinn buannachd às na h-atharrachaidhean a thug iad air an fharpais.
"Chaidh e sìos beagan air sgàth 's nach eil am-bliadhna cho fada 's a bha i a' bhliadhna ron sin.
"Ach 's e an rud a chunnaic sinn ge-tà, agus rud a bha sinn a' putadh, 's e leasachadh.
"Agus tha sinn a' faireachdainn gu bheil na fiolmaichean, tha tuigse a' fàs, tha daoine a' tuigsinn dè tha sinn a' feuchainn ri dhèanamh.
"Agus tha sinn a' faicinn càileachd nam fiolmaichean cuideachd a' fàs nas fheàrr, agus 's e sin a tha sinn ag iarradh a-mach à FilmG.
"Gu ìre an-uiridh, bha cus fhiolmaichean againn agus bha e cho doirbh a làimhseachadh, ach am-bliadhna bha sinn a' faireachdainn gun robh e iomchaidh", thuirt Murchadh.

Chaidh FilmG a chur air bhonn ann an 2008 agus tha iad air còrr is 1000 fiolm fhaighinn bhon uair sin.
Tha a' bhuidheann ag ràdh gu bheil tòrr den fheadhainn a tha air a dhol an sàs thar nam bliadhnaichean air cliù a chosnadh ann an gnìomhachas nam meadhanan ann an Alba.
Am measg an luchd-inntrigidh sin, bha an seinneadair Katie Gregson-NicLeòid, agus a' bhana-chleasaiche Sorcha Groundsell, am prìomh chleasaichte san dràma 'An t-Eilean' a chaidh a chraoladh air BBC ALBA
Thèid na duaisean a thoirt seachad aig tachartas anns an SEC ann an Glaschu oidhche Haoine, ach do dhuine sam bith nach urrainn a bhith an làthair bidh an tachartas ga chraoladh beò air seanail YouTube BBC ALBA, taobh a-muigh agus cuideachd air duilleig facebook FilmG., taobh a-muigh