Bho stròc gu tiotal rothaireachd am beagan agus bliadhna

- Air fhoillseachadh
A bheil dad ann a chuireas stad air Christina NicCoinnich o bhith a' rothaireachd aig an ìre as àirde?
Uill, chan eil an t-uisge agus tha coltas ann nach eil duilgheadasan slàinte a bharrachd.
Air an 11mh den Chèitean 2024, bha dùil aig a' bhana-Leòdhasach cuairt trèanaidh deich uairean de thìde a dhèanamh air a' bhaidhseagal. Ach dhùisg i le ceann cianail fhèin goirt agus cha robh faireachdainn na gàirdean.
"Nuair a chaidh an gleoc agam dheth aig còig uairean sa mhadainn, cha robh mi a' faireachdainn làidir gu leòr a dhol air a' bhaidhseagal. Fhuair mi teachdaireachd-fòn o charaid agus cha b' urrainn dhomh a leughadh ceart.
"Chuir mi fios air ais gun robh mi a' smaoineachadh gun do ghabh mi stròc agus thuirt i rium nach robh mi a' dèanamh ciall. Thuirt i fòn a chur gu 999. Smaoinich mi rium fhèin, 'ciamar a ghabh mi stròc agus mi cho òg agus cho fut ri fiadh?"

Bha Christina fad dà là ann an Ospadal Forth Valley ann an Siorrachd Shruighlea. Bha i san dearbh leabaidh anns an robh i nuair a bhuail càr innte o chionn faisg air dà bhliadhna. Cha b' iad cnàmhan briste a bh' aice an turas seo ge-tà.
"Thuirt an dotair rium gun robh stopadh fala nam eanchainn agus gun do ghabh mi stròc," thuirt i.
"Cha b' urrainn dhomh a chreidsinn! Thòisich mi a' caoineadh. Sin e a-nise, smaoinich mi rium fhèin.
"Chan urrainn dhut gun a bhith a' smaoineachadh gun tig do bheatha gu crìch nuair a chluinneas tu am facal stròc.
"Ghabh mo sheanmhair stròc nuair a bha i òg agus chaill i a comas labhairt - 's bha mi a' smaoineachadh gum bithinn fhèin mar sin cuideachd'.
Slighe gu slànachadh
Ach cha b' ann mar sin a bha. An dèidh obair-lannsa air a cridhe, comhairle mheadaigeach agus tòrr fois, chan fhada gus an robh Christina a' smaoineachadh mun bhaidhseagal a-rithist.
"Thòisich mi a' ceasnachadh na bha mi a' dèanamh nam bheatha," thuirt i.
"Bha mi an dùil am baidhseagal ùr TT agam a reic oir cha robh mi airson a bhith ann am pian.
"Ach nuair a tha a' ghrian a' deàrrsadh 's nuair a chuireas tu ort briogais ghoirid agus lèine-t, chan eil dad eile coltach ris a' bhaidhseagal."

Cha robh ann an sin ach toiseach-tòiseachaidh. Chan fhada gus an robh Christina cho fut 's a bha i ann an 2021 nuair a bhrist i clàr Lands End gu Taigh Iain Ghròt air dà chuibhle.
Sa Chèitean am-bliadhna, chuir i a-staigh airson co-fharpais SVTTA - tiotal Albannach TT 50 mìle do bhoireannaich nas sine na 40.
"Cha mhòr nach do chòrd e rium, ged a bha e doirbh," thuirt i.
"Bha na h-àireamhan agam math an là sin agus bha mi uabhasach toilichte mu dheidhinn sin.
"Bha iad na b' fheàrr na bha an coidse agam a' sùileachadh.
"Nuair a thuirt iad gur e mise a bu luaithe agus gun do bhuannaich mi, bha mi air mo dhòigh ghlan. Chaidh mi dhachaigh le gàire mhòr air m' aodann."

'S iomadh co-fharpais a bhuannaich i bhon uair sin air no bha i san dàrna no san treas àite.
Tha 15 mìosan bho bha i san ospadal ach 's e a tha nas iongantaiche buileach mu shuidheachadh Christina ach gu bheil i fhathast a' dèiligeadh ri pian na gàirdean agus gualainn, agus tha i a' call faireachdainn na h-aodann agus na làmhan.
Chan eil coltas ann ge-tà, gun cuir sin stad oirre agus i a' dèanamh air co-fharpais mhòr ann an Velodrome Roubaix san Fhraing an ceann beagan is seachdain.
'S cinnteach ma-thà, gum bi gàire mhòr air a h-aodann an uair sin cuideachd - cha do reic i am baidhseagal aice fhathast!
