Muinntir Thiriodh ag ràdh gu bheil cunnart ann gun ruith iad a-mach à peatral

- Air fhoillseachadh
Tha an t-urras a tha a' ruith an aon stèisein peatrail ann an Tiriodh ag ràdh gu bheil dìth bhàtaichean ChalMac gam fàgail cha mhòr as aonais peatrail.
Cha ghabh an MV Isle of Mull, a tha an-dràsta gam frithealadh, ach 30 luchd-siubhail gu laghail aig a' cheart àm ri bathar cunnartach mar chonnadh, agus 's e an luchd-tadhail a tha a' faighinn prìomhachais.
Tha uallach mòr air lìonra ChalMac an-dràsta le tòrr de na soithichean aca a-mach à seirbheis.
Tha Phyl Meyer bho Urras Leasachaidh Coimhearsnachd Thiriodh ag ràdh gu bheil iad "cha mhòr gun peatral air fhàgail aca".
"Bhiodh e cothromach ag ràdh gu bheil daoine a' call foighidinn," thuirt e.

Tha dòchas ann gun tig connadh air a' bhàta-aiseig Dimàirt agus nach bi aca ri na bhios iad a' reic ris a' phoball a chuingealachadh
Tha Stèisean Peatrail Chrosaboil an dòchas gun tig peatral Dimàirt ach ma tha dàil a bharrachd ann tha rabhadh aca gur dòcha gum bi aca ri na th' aca de chonnadh air fhàgail a chumail a-mhàin do na seirbhisean èiginn agus luchd-obrach riatanach.
Thuirt Mgr Meyer: "Ma thachras càil Dimàirt agus mura tig an tancair a-nall chan eil càil a dh'fhios againn dè cho fada agus a bhios e."
Thuirt Caledonian Mac a' Bhriuthainn gu bheil iad mothachail do na duigheadasan ann le bhith a' lìbhrigeadh connaidh dhan eilean, agus gu bheil iad ag obair gu dlùth leis a' choimhearsnachd gus fuasgladh fhaighinn.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh23 An Giblean

- Air fhoillseachadhBho chionn 5 làithean
