Naidheachdan 11:00m

Caolas Hormuz

Tha Iran ag ràdh gun toir iad ionnsaigh air feachdan nan Stàitean Aonaichte nam biodh iadsan a' feuchainn ri seòladh tro Chaolas Hormuz gus bàtaichean coimeirsealta a chuideachadh le bhith a' fàgail a' Ghulf. An-raoir thuirt an Ceann-Suidhe Trump gum biodh Iomairt Saorsa ga dhèanamh leothasan, mar a thug e air, sin gus na ceudan de bhàtaichean 's na mìltean de sheòladairean a th' air a bhith glacte sa Ghulf bho thòisich an cogadh le Iran a chuideachadh le bhith a' faighinn a-mach chun a' Chuain. Tha Iran air fearg a nochdadh ris a' phlana.

An Ucràin

Tha am Prìomhaire ann an Armèinia airson àrd-choinneimh de dhùthchannan Eòrpach. Tha bruidhinn ga dhèanamh air sgeama taice luach £78bn dhan Ucràin agus mu an tèid Breatainn an sàs ann. Tha dòchas ann gun cuidich sin le obair a thoirt dha companaidhean dìon na Rìoghachd Aonaichte a thuilleadh air a bhith a' cumail taic aig an Ucràin fhèin.

Tiriodh

Tha CalMac an dòchas gun urrainn tancair de pheatral a ghiùlain a Thiriodh a-màireach agus stèisean connaidh an eilein air a bhith ag iarraidh air daoine gun a bhith a' lìonadh an tancaichean. Thuirt iad gun robh peatral a' fàs gann leis nach robh tancair connaidh air a dhol chun an eilein cho tric 's as àbhaist bho chionn ghoirid. Tha sin ri linn 's nach gabh leithid de charago a ghiùlain air a' bhàt-aiseig a th' ann an-dràsta, an Isle of Mull, gun an àireamh luchd-siubhail air bòrd a chuingealachadh gu mòr cuideachd. Tha dùil aig CalMac am bàta an Loch Nibheis a bhios a' seòladh à Malaig gu cunbhalach a chleachdadh airson connadh fhaighinn a Thiriodh a-màireach.

An Taghadh

Tha partaidhean poileataigeach na h-Alba an sàs anns an t-seachdain mu dheireadh den iomairt aca air thoiseach air taghadh Pàrlamaid na h-Alba a bhios ann Diardaoin. Thèid bhòtadh an uair sin cò a bhios anns an ath riaghaltas aig Holyrood, le 440 duine a' seasamh ann an sgìrean taghaidh na dùthcha. Air na baileatan liosta airson roinnean air feadh na dùthcha tha 29 partaidhean eadar-dhealaichte ag iarraidh ur bhòta.

Cosgaisean Bìdhe

Tha rannsachadh ùr ag ràdh gur dòcha gum bi cosgaisean bìdh anns an Rìoghachd Aonaichte air èirigh 50% ron t-Samhain, sin an taca ri mar a bha cùisean bho chionn còig bliadhna. Tha an rannsachadh air a dhèanamh le buidhinn bheachdachaidh air a bheil an Energy and Climate Intelligence Unit. Tha iadsan ag ràdh gu bheil leithid pasta, uighean, feòil-mairt agus glasraich reòta am measg na th' air èirigh gu mòr ann am prìs bho chionn ghoirid.