Fianais ùr mu eilean fuadain bho Linn Ùr na Cloiche ann an Leòdhas

Bho gu h-àrd tha coltas ann gur ann à clachan a tha an t-eilean fuadain, neo crannag, air a thogail
- Air fhoillseachadh
Chaidh eilean fuadain àrsaidh ann an loch ann an Leòdhas a thogail gu tur air clàr fiodha a rèir arceòlaichean.
Bho gu h-àrd, tha e coltach gur e structar cloiche - neo crannag - a th' anns an eilean bho Linn Ùr na Cloiche ann an Loch Bhorgastail, ged a bha fios ann mar-thà gun robh fiodh ann fodha.
Ge-tà, tha sgioba bho Oilthigh Southampton a rinn rannsachadh air an làraich air faighinn a-mach gur e fiodh a bha a' cumail an-àirde an structair gu lèir.
Thuirt iad gun deach a thogail eadar 3,500 agus 3,300 BC - tràth ann an Linn an Umha - agus thuirt iad gum biodh an dòigh-obrach seo air a cleachdadh air làraichean eile air feadh nan Eilean Siar.

Mhìnich an t-arceòlaiche Dr Stephanie Blankshein bho Oilthigh Southampton: "'S ann nuair a thòisich sinn air cladhach a thuig sinn gur e structar fiodha an ìre mhath mòr a bha fon eilean chloiche a chì thu an-diugh.
"Ged nach eil fios le cinnt againn carson a thogadh na h-eileanan seo, tha an obair agus an stuth a bha a dhìth airson an togail a' sealltainn nach e a-mhàin gun robh coimhearsnachdan ann a bha comasach air a leithid a dhèanamh ach cuideachd cho cudromach 's a tha na làraichean."
Cho math ris an fhiodh fon chloich, fhuair na h-arceòlaichean na ceudan phìosan de chriadhadaireachd bho Linn Ùr na Cloiche.

Dh'ionnsaich arceòlaichean gun robh an t-eilean gu lèir air a thogail air clàr fiodha
Tha crannagan nan eileanan beaga fuadain a tha na mìltean bhliadhnaichean de dh'aois, agus tha na ceudan dhiubh ann an lochan feadh Alba.
Fhuaireadh an làrach ann an Loch Bhorgastail ann an 2009.
Thòisich obair rannsachaidh ann an 2021 agus tha na h-arceòlaichean air sìor ionnsachadh mu eachdraidh na crannaig.
Fhuair iad gun deach a stèidheachadh bho chionn còrr is 5,000 bliadhna agus gur e clàr cruinn fiodha, mu 23m (75tr) de mheud, a bh' ann an toiseach le làr preasarnaich.
Timcheall air 2,000 às dèidh sinn am meadhan Linn an Umha, chaidh preasarnach a bharrachd agus clachan ùra a chur air muin a' chiad chlàir, agus chaidh barrachd a chur ris mu 1,000 bliadhna às dèidh sin ann an Linn an Iarainn.
Tha cabhsair cloiche, a tha an-diugh fon uisge, a' sìneadh eadar cladach an locha agus an t-eilean.