Muileann Sticky 120 bliadhna de dh'aois

Muileann MhicCoinnich
  • Air fhoillseachadh

Tha Muileann MhicCoinnich ann an Steòrnabhagh a' comharrachadh gu bheil 120 bliadhna on dh'fhosgail i le taisbeanadh aig Caisteal Leòdhais.

Tha "From Loom to Lews – 120 Years of Kenneth Mackenzie" ag innse sgeulachd eachdraidh Muileann Sticky - mar as fheàrr a dh'aithnichear i - agus na daoine a th' air a bhith an sàs ann.

Bidh luchd-ceannaich Breatannach agus eadar-nàiseanta ann cho math ri daoine a bha uair ag obair aig a' mhuilinn.

'S e Muileann MhicCoinnich a' mhuileann as sine a tha a' dèanamh a' chlò-mhòir is bidh i a' reic air feadh an t-saoghail.

Tha i an-diugh fo shealbh agus fo stiùir Ailig Lockerby, a bha roimhe na mhanaidsear, agus a nighean Nichola Lockerby.

Chaidh an gnothachas fhàgail an làmhan Mhgr Lockerby leis an fhear-ghnothachais Brian Haggas nach maireann ann an 2019.

Bha linn Mhgr Haggas connspaideach is e air àireamh nan pàtranan a ghearradh gu ceithir airson seacaidean a dhèanamh dhan chompanaidh eile a bh' aige ann an Yorkshire, Brook Taverner.

Bha mì-thoileachas mòr ann mun sin is air a' cheann thall dh'atharraich Mgr Haggas a bheachd is chaidh àireamh nam pàtranan a leudachadh.

Ailig Lockerby
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Ailig Lockerby air a bhith os cionn na muilne bho 2019

Tha a' mhuileann an-diugh a' cumail cosnaidh ri 38 daoine le obair làn-thìde agus seachdnar a tha ag obair pàirt-ùine.

Tha cùmhnantan aca le còrr air 50 breabadair a tha ag obair air an ceann fhèin.

Tha Mgr Lockerby ag ràdh gu bheil an gnothachas ann an suidheachadh math is gu bheil iad dòchasach mun t-slighe air adhart.

"Tha sinn air a bhith a' dèanamh barrachd obair is ged nach eil àireamh nan clòthan fhèin a' dol an àrda cus, tha sinne air a bhith gu math seirbheiseach a' dèanamh adhartais mar chompanaidh bho far an robh sinn bho chionn 20 bliadhna.

"Tha sinn a' dèanamh rebranding airson a' chompanaidh a thoirt air adhart anns na margaidean is tha sinn a' dol a dhèanamh barrachd a thaobh cèilidh air luchd-ceannaich sinn fhèin.

"Tha an t-eadar-lìon glè mhath ach chan eil càil nas fheàrr na a bhith a' faicinn daoine anns na suidheachan aca fhèin".

Bidh an taisbeanadh ann an Caisteal Leòdhais oidhche Mhàirt ag innse sgeulachd na muilne thairis air na bliadhnaichean is le sùil cuideachd air an àm ri teachd.

Thuirt Nichola Lockerby: "Tha sinn glè thoilichte gu bheil grunn math de na luchd-ceannaich againn bhon dùthaich seo agus bho thall-thairis, luchd-taice ionadail, breabadairean agus seann luchd-obrach gu bhith còmhla rinn an Steòrnabhagh airson a' chlach-mhìle a chomharrachadh."

'S e an dealbhadair-fasain Albannach, Siobhan NicCoinnich, a chuir ri chèile an taisbeanadh.

Mar phàirt dheth, chì luchd-tadhail aodach a dhealbh i a' cleachdadh clò na muilne.

Thuirt i: "Bha mi airson rudeigin a chruthachadh a tha a' samhlachadh spiorad Innse Gall far a bheil sgeulachd nan daoine, an àite agus an dualchais an cois gach snàithlein."

A thuilleadh air an taisbeanadh ann an Caisteal Leòdhais bidh cuideachd cèilidh ann an Taigh-òsta a' Chaberfeidh oidhche Chiadain.

Bidh cothrom cuideachd aig na thàinig airson a' chlach-mhìle a chomharrachadh a' mhuileann fhein fhaicinn cho math ri breabadairean ag obair aig an taigh.

Tro mhìosan an t-samhraidh bidh taisbeanadh Siobhan NicCoinnich ri fhaicinn aig Taigh-òsta Kimpton ann an Glaschu.