Tiugainn a Dhannsa aig Cultarlann

Daoine a' dannsa aig Cultarlann Inbhir NisTùs an deilbh, Cultarlann Inbhir Nis
  • Air fhoillseachadh

Tha dannsaichean-cèilidh seachdaineach a' tilleadh gu meadhan Inbhir Nis is oidhcheanan sònraichte gu bhith aig Cultarlann anns a' bhaile.

'S e luchd-ciùil ionadail a bhios a' nochdadh aig na cèilidhean a thòisicheas an t-seachdain seo.

Tha Cultarlann ag ràdh nach eil an leithid air a bhith ann am prìomh bhaile na Gàidhealtachd fad bhliadhnaichean.

"Tha àitichean gu leòr ann an Inbhir Nis far a bheil ceòl traidiseanta glè mhath ach tha an rud a th' againn san amharc gu math diofraichte," thuirt cathraiche Cultarlann Inbhir Nis, Magaidh Mulholland.

"Bidh na cèilidhean againn ag amas air dannsaichean-cèilidh traidiseanta, mar a bh' ann anns na tallaichean beaga, a thoirt air ais a dh'Inbhir Nis agus le fòcas air coimhearsnachd.

"'S e cothrom a bhios annta sean is òg tighinn còmhla agus do dhaoine às an àite fhèin agus luchd-tadhail a bhith a' coinneachadh is blas fhaiginn de chultar na Gàidhealtachd."

Tha Cultarlann ag ràdh gun do sheall dannsa a bh' aca air a' mhìos seo chaidh gu bheil iarrtas ann.

Thuirt iad gum bi na tachartasan fosgailte do dhuine sam bith is tha sùil aca gu sònraichte air luchd-turais a thàladh.

Tha iad ag ràdh ge-tà, gum bi an cànan aig cridhe a' ghnothaich.

"Sin an t-amas aig a' Chultarlann, tha sinn ag amas air Gàidhlig a thoirt a-staigh air a h-uile càil", thuirt oifigear leasachaidh na buidhne, Dòmhnall Morris.

"Duine a tha a' bruidhinn air an àrd-urlar, cleachdaidh iad Gàidhlig agus bidh sinn a' brosnachadh luchd-tadhail a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig.

"Bidh sinn a' brosnachadh cultar na Gàidhlig le dannsa is rudan mar sin agus a' brosnachadh dhaoine nach eil eòlach air a h-uile càil a tha seo a bhith ag ionnsachadh facal no dhà."

Fhuair Cultarlann sealbh air an seann Eaglais an Ear air Sràid na h-Acadamaidh ann am meadhan Inbhir Nis tràth ann an 2024.

Thàinig sin às dèidh iomairt gus ionad a chur air dòigh agus togalach freagarrach a lorg.

Tha prògram de leasachaidhean air an togalach a' leantainn.

Rinn iad obair air a' mhullach an-uiridh is tha dùil gun tòisich obair taobh a-staigh an togalaich ro dheireadh na bliadhna.

Tòisichidh iad na dannsaichean seachdaineach Dihaoine seo tighinn bho 7f.