Prìomh sheirbheisean ChalMac air ais agus an Hebrides a' tilleadh

Hebrides aig cidhe an Tairbeart.
  • Air fhoillseachadh

Tha Caledonian Mac a' Bhriuthainn ag ràdh gum bi grunn de na prìomh sheirbheisean aca a' ruith mar as àbhaist bho Dhiciadain an dèidh troimh-chèile o chionn ghoirid a dh'fhàg aig aon àm gun robh cha mhòr an treas cuid den chabhlach a-mach à seirbheis.

Tha dùil gun till an MV Hebrides dhan t-slighe eadar an t-Eilean Sgitheanach, na Hearadh agus Uibhist a Tuath an dèidh obair-chàraidh a bharrachd a bha a dhìth oirre aig deireadh na seirbheis bliadhnail aice.

Tha CalMac ag ràdh gu bheil sin a' ciallachadh gum faod soithichean a bha iad a' gluasad air feadh an lìonra airson seirbheisean a chumail ri daoine a dhol air ais gu na slighean àbhaisteach aca.

Thuirt Àrd-oifigear na companaidh-aiseig, Donnchadh Mackison: "Tha e a' leigeil leinn seirbheis sheasmhach a thoirt seachad air na slighean air a bheil na soithichean mòra a' seòladh agus seirbheisean àbhaisteach a chumail ri còig eileanan."

  • Bidh an MV Clansman a' dol eadar an t-Òban, Colla, Tiriodh agus Colbhasa

  • Bidh an MV Isle of Mul a' seòladh eadar an t-Òban agus Creag an Iubhair

  • Tillidh an MV Lord of the Isles dhan t-slighe eadar Malaig is Loch Baghasdail

  • Thèid an MV Isle of Arran a dh'Ìle an àite an MV Lord of the Isles, a th' air a bhith air an t-slighe fhad 's a tha an MV Finlaggan ga càradh

Thuirt Mgr Mackison gun robh na beagan sheachdainean a chaidh seachad air a bhith "air leth dùbhlanach".

"Tha mi airson taing mhòr a thoirt do na co-obraichean agam aig CalMac a rinn obair cho cruaidh, agus do dhaoine sna coimhearsnachdan cladaich a tha sinn a' frithealadh a th' air a bhith cho tuigseach."

Dhearbh e gun robh dùil gun tilleadh dà shoitheach mhòr eile, an MV Isle of Lewis agus an MV Finlaggan, ro dheireadh na mìos.