Farpaisich òga aig Geamaichean Uibhist a Deas nan adhbhar misneachd

Buinidh Patricia do theaghlach chliùteach de phìobairean
- Air fhoillseachadh
Bha còrr air 100 neach a' farpais aig Geamaichean Uibhist a Deas Diciadain, eadar pìobaireachd, dannsa agus lùth-chleasachd.
Bha e na adhbhar togail na bha de chloinn ag amas air duaisean le suas ri 50 sna farpaisean pìobaireachd.
Thuirt fear den luchd-èisteachd, Raghnall MacFhionghain: "Tha a' phìobaireachd a' tighinn air aghaidh cho mòr san àite seo, pìobairean uabhasach fhèin math, gu h-àraid an fheadhainn òga, tha e math gam faicinn."
Nam measg bha Patricia a bhuineas do theaghlach am Beinn na Faoghla a tha aithnichte airson an cuid pìobaireachd, Clann Chaluim Iain.
Thuirt i: "Tha mi a' toilichte gu bheil mise a' cumail an traidisein suas agus tha mi a' smaoineachadh gum bi mo theaghlach gu math moiteil asam."

Bha Rowan air aon de mu 80 duine cloinne a bha ag amas air duais airson an cuid dannsa
Bha Rowan air aon de mu 80 duine cloinne a bha an sàs sna farpaisean dannsa.
"Tha mi gu math dòchasach ach 's e buidheann mòr a th' ann. Tha 13 ann agus 's mise an dàrna duine as òige," thuirt i.
Thuirt Màiri Nic 'illeEathainn, a tha a' teagasg dannsa Ghàidhealaich eadar Èirisgeigh agus Uibhist a Tuath: "'S e là cho spòrsail a th' ann agus chan eil iad ga fhaicinn mar fharpais ach airson a bhith a' dannsa airson an teaghlaichean agus na coimhearsnachd aca."

Rinneadh moladh air cho math 's a bha na pìobairean agus drumairean òga gu h-àraid
Chan ann gun obair mhòr nan saor-thoileach sa choimhearsnachd a tha na geamaidhean gan cur air dòigh air machair Àsgarnais agus an sgìrean eileanach eile.
Bha dragh an Uibhist a Tuath an-uiridh nach robh gu leòr luchd-taice aca airson na geamaichean acasan a chumail ged a chaidh an tachartas air adhart an dèidh do bhuill ùra a dhol air a' chomataidh.
Tha Dòmhnall Steele, a bhios a' cuideachadh aig Geamaichean Uibhist a Deas, ag ràdh gu bheil e cudromach gun lean iad.
"Tha e doirbh daoine fhaighinn airson an cumail a' dol ach feumaidh sinn an cumail a' dol.
"Dè mhath dhuinn seo a stad? Là cho math seo co-dhiù agus daoine a' tighinn," thuirt e.

Bha sluagh math aig na geamaichean air machair Àsgarnais
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh21 An t-Iuchar 2023
- Air fhoillseachadh3 An Lùnastal 2022