Naidheachdan 10:00m

Sir Keir Starmer

Tha Rùnaire na Slàinte, Wes Streeting, air coinneamh gu math goirid a chumail leis a' Phrìomhaire madainn an-diugh. Tha cuid a' faicinn Mhgr Streeting mar fhear a dh'fhaodadh a dhol an àite Sir Keir Starmer 's còrr air 80 ball Làbarach air iarraidh air a' Phrìomhaire a dhreuchd fhàgail. Tha na h-aonaidhean ciùird aig a bheil ceangal ris a' phartaidh Làbarach air a ràdh madainn an-diugh gum feum plana a bhith ann gus ceannard ùr a thaghadh, is e follaiseach nach bi Sir Keir os an cionn 'son an ath thaghadh coitchinn.

Neo-eisimeileachd

Tha am Prìomhaire air aontachadh coinneachadh ri Prìomh Mhinistear na h-Alba air an ath-mhìos, às dèidh nan taghaidhean a bh' ann air an t-seachdain seo chaidh. Thuirt oifis a' Phrìomh Mhinisteir gun tèid bruidhinn air referendum air neo-eisimeileachd na h-Alba. Tha Sràid Downing a' dol as àicheadh sin ge-tà 's iadsan ag ràdh gun deach aontachadh bruidhinn air cuspairean a tha a' bunntainn ri gach riaghaltas..

Oifigear-riaghlaidh

Tha ball an SNP 'son Inbhir Chluaidh, Stiùbhart Mac a' Mhaoilein, air ainm a chur air aghaidh 'son dreuchd an oifigeir-riaghlaidh ann am Pàrlamaid na h-Alba. Tha buill eile dhan phartaidh, Claire Haughey, a bha na cathraiche air Comataidh na Slàinte, agus Kenny Gibson, a bha os cionn Comataidh an Ionmhais, air an ainmean a chur air aghaidh cuide ris an Lib Deamach Liam MacArtair, a bha na leas oifigear-riaghlaidh sa phàrlamaid mu dheireadh. Thèid bhòt dhìomhair a chumail a-màireach, 's bidh aig ge bith cò bhuannaicheas ri ballrachd a' phartaidh aca a chur bhuapa.

CalMac

Bidh muinntir Uibhist a Deas le ceangal aiseig gu tìr-mòr 'son a' chiad uair ann an grunnan mhìosan a-màireach is seirbheis Loch Baghasdail ga stèidheachadh a-rithist. Tha an Hebrides a' tilleadh feasgar 's tha CaMac ag ràdh gu bheil iad sin a' toirt dhaibh an cothrom seirbheisean air an lìonra a thilleadh chun na h-àbhaist às dèidh seachdainnean de throimh-chèile.

Hub Bancaireachd

Tha ball nan Eilean Siar anns na Cumantan air iarraidh gun rachadh hub bancaireachd a stèidheachadh ann an Uibhist. Tha seo a' tighinn agus meur de Bhanca na h-Alba am Beinn na Fadhla gu bhith a' dùnadh as t-samhradh, a' fàgail nach bi an Uibhist ach an aona mheur bhanca. Tha Torcuil Crichton ag ràdh gu bheil e air bruidhinn an dà chuid ri riochdairean banca agus ri Roinn an Ionmhais mu bhith a' stèidheachadh hub ùr.