Ceanglaichean stèidhichte an Alba fon phrosbaig aig Westminster

- Air fhoillseachadh
Bheir ceannard Comhairle nan Eilean Siar seachad fianais aig Westminster Diciadain is buill-phàrlamaid a' coimhead air ceanglaichean stèidhichte eadar eileanan na h-Alba.
Dh'fhosgail rannsachadh Comataidh nan Cùisean Albannach an-uiridh.
Tha a' chomataidh ag ràdh gu bheil bun-structar còmhdhail glè chudromach a thaobh eaconamaidhean choimhearsnachdan eileanach agus airson dèanamh cinnteach gum faigh iad seirbheisean deatamach.
Tha iad ag ràdh mura h-eil ceanglaichean aig ìre gu bheil cunnart ann gun caill eileanan sluagh.
Tha an rannsachadh aca a' coimhead ris an argamaid airson cheanglaichean stèidhichte - leithid tunailean is drochaidhean - agus a bheil àite aig Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte ann a bhith a' cur taic ri pròiseactan mar seo.
Chuir Comhairle nan Eilean Siar taic mar-thà ri ceanglaichean stèidhichte thairis air Caolas na Hearadh is Caolas Bharraigh san fhreagairt sgrìobhte aca chun na comataidh nas tràithe am-bliadhna.
Taic do cheanglaichean stèidhichte air Caolas na Hearadh is Caolas Bharraigh
- Air fhoillseachadh27 Am Faoilleach
Plana Nàiseanta ùr nan Eilean ga fhoillseachadh
- Air fhoillseachadh26 An Gearran
Thuirt CnES gu bheil iad den bheachd gu bheil e deatamach dhan sgìre gun tèid ceanglaichean còmhdhail eadar na h-eileanan a leasachadh, is gu bheil iad gu seo air adhartas mòr a dhèanamh le ceanglaichean stèidhichte gu ruige Scalpaigh, Beàrnaraigh is Èirisgeigh.
'S e Caolas na Hearadh is Caolas Bharraigh na beàrnan mu dheireadh a tha air fhàgail, thuirt iad.
Cha do chuir CnES taic san fhreagairt ri drochaid air neo tunail gu tìr-mòr na h-Alba.
Thuirt iad gun gabh trioblaidean a th' ann le aiseagan is plèanaichean a chur ceart le seirbheisean aiseig a tha aig ìre, còmhla ri seirbheisean adhair nas fheàrr agus faraidhean nas ìsle.
Tha Comataidh nan Cùisean Albannach a-nise gus tòiseachadh air fianais a ghabhail.
Cluinnidh iad madainn Diciadain bho Chom-pàirteachais Ro-innleachdail nan Eilean - buidheann a tha a' riochdachadh Comhairle nan Eilean Siar, Comhairle Arcaibh is Comhairle Shealtainn.
Bheir ceannard CnES, Pòl Steele, seachad fianais còmhla ri ceannard Comhairle Arcaibh, Heather Woodbridge, is leas-cheannard Comhairle Shealtainn, Gary Robinson.

Bheir Pòl Steele seachad fianais do Chomataidh nan Cùisean Albannach Diciadain
Tha a' chomataidh ag ràdh gu bheil iad 'son cluinntinn mun bhuaidh a tha aig ceanglaichean stèidhichte a th' ann air coimhearsnachdan, is beachdan fhaighinn air molaidhean 'son cheanglaichean ùra agus air suidheachadh nan aiseagan ann an Alba.
Cluinnidh buill na comataidh cuideachd Diciadain bhon bhuidhinn einnseanaireachd COWI.
Tha iadsan an-dràsta ag obair còmhla ri Comhairle Shealtainn air planaichean gus tunailean a thogail eadar eileanan Shealtainn.
A bharrachd air an rannsachadh aig Comataidh nan Cùisean Albannach, bha gealltanas gun tèid coimhead ri drochaidean agus tunailean ann am Plana Nàiseanta ùr nan Eilean, a dh'fhoillsich Riaghaltas na h-Alba sa Ghearran.
Thuirt am plana sin gum bu chòir "sgrùdadh mionaideach" a dhèanamh air molaidhean gus ceanglaichean a chur tarsainn air Caolas Bharraigh is Caolas na Hearadh, a thuilleadh air eadar Muile is tìr-mòr.
'S e moladh a bha sin a bha air nochdadh ann am planaichean eile aig Còmdhail Alba anns na bliadhnaichean mu dheireadh.