Faoileagan Inbhir Nis: "Chan ionann seo ri bhith a' toirt biadh do na tunnagan"

Faoileag ann an Inbhir NisTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Tha fear de chomhairlichean Inbhir Nis airson tighinn nas cruaidh air daoine a bheir biadh a dh'aona-ghnothach do na faoileagan sa bhaile mar phàirt de phlana dèiligeadh ri na trioblaidean a tha na h-eòin ag adhbharachadh.

Tha Donnchadh Mac a' Phearsain agus buill eile de Chomataidh Baile Inbhir Nis air an taic a chur ri sgeama pìleatach ag amas air lùghdachadh a thoirt air droch bhuaidh nam faoileagan an Inbhir Nis agus Inbhir Narann.

Tha gearanan ann gu bheil na h-eòin a' sàrachadh a' phobaill le bhith a' goid biadh bho an làmhan, a' sgreuchail agus a' fàgail salachair às an dèidh.

Thathar a' tomhas gum faod còrr air 700 nead faoileige a bhith sa bhaile.

Dh'aontaich buill Comataidh Baile Inbhir Nis ri plana airson dèilgeadh ris an trioblaid, nam measg bionaichean nach tèid aig na faoileagan air fhosgladh agus lùghdachadh a thoirt air na tha de làraichean far am faod iad neadachadh.

"Spògan snàmhach"

Bidh iomairt ann a bhrosnaicheas daoine gun biadh a thoirt a dh'aona-ghnothach do na faoileagan.

Thuirt an Comh Mac a' Phearsain gu bheil e airson tighinn nas cruaidhe air daoine a bhios a' dèanamh seo.

Thuirt e: "Chan ionann seo ri bhith a' toirt biadh do na tunnagan, feumaidh sinn rudeigin a dhèanamh mun trioblaid seo.

"Nuair a chluinneas tu nach leig le cuid de dhachannan-cùraim le daoine sgona ithe a-muigh air eagal 's gun tig faoileag a-nuas air a shon, ach cuideachd an fhuaim a tha a' cumail daoine nan dùisg.

"Tha sinn airson nas urrainn dhuinn a dhèanamh airson faighinn cuidhteas de na faoileagan bho mheadhan a' bhaile leis nach buin iad ris.

"Tha spògan snàmhach aca agus feumaidh iad a bhith air ais air na cladaichean," thuirt e.

Chuala a' chomataidh mu mar a tha dol a-mach nam faoileagan air a bhith a' dèanamh dragh mòr don phoball.

A rèir aithisg, tha fuaim nam faoileagan an uairean beaga na maidne a' cumail luchd-còmhnaidh nan dachannan-cùraim an Inbhir Nis bho bhith a' cadal.

Dh'aontaich NàdarAlba agus Comhairle na Gàidhealtachd san t-Sultain 2025 gun obraicheadh iad còmhla airson dèiligeadh ri buaireadh fhaoileagan a' bhaile-mhòir.

Thug NàdarAlba £20,000 don ùghdarras ionadail airson an sgeama ann an Inbhir Nis agus Inbhir Narann.

Thèid ath-sgrùdadh a dhèanamh air a h-uile bliadhna, agus thèid sùil a chumail air na làraichean as motha far am bi na faoileagan a' feuchainn ri biadh fhaighinn.