Muilleann MhicCoinnich a' leudachadh
- Air fhoillseachadh

Bidh Muileann Chlò MhicChoinnich ann an Steòrnabhagh a' stèidheachadh sgioba reic agus mhargaideachd anns a' mhuilinn fhèin, rud a bheir barrachd smachd do luchd-stiùiridh na muilne air an obair gu lèir.
Thuige seo bha an obair reic agus mhargaideachd air a dèanamh le sgioba stèidhichte air Tìr-Mòr.
"Tha sinn an dòchas gum bi sinn a' dèanamh barrachd mar a tha sinn a' dol air adhart," thuirt Àrd-Stiùiriche na muilne, Ailig Lockerby.
"Tha sgioba reic gu bhith againn ann an seo.
"A h-uile càil a tha ga dhèanamh an-diugh, 's ann le coimpiutair. Chan ann a' bruidhinn ri chèile a tha daoine ann, ach a' leigeil phutannan agus teacsadh 's puist-d a' falbh air ais 's air adhart.
"'S ann mar sin a tha an gnìomhachas a' dol.
"Mar a tha sinn a' dol air adhart, tha e gu bhith air a dhèanamh à seo fhèin," thuirt e.