An còigeamh cuid de chloinn na Gàidhealtachd a' fuireach am bochdainn

Tha Stiùiriche na Slàinte Poblaich ag ràdh gum faodadh nach eil an aon chothrom air seirbheisean slàinte aig pàrantan is an cuid chloinne air an tuath
- Air fhoillseachadh
Tha cruaidh fheum air poileasaidhean a "bheir an toiseach beatha as fhèarr do gach pàiste air a' Ghàidhealtachd is an Earra-Ghàidheal" agus aonan às gach còignear aca a' tighinn beò am bochdainn, a rèir aithisg ùir.
'S e 'A Strong Start' a' chiad aithisg bhliadhnail aice on chaidh Jennifer Davies na Stiùiriche na Slàinte Poblaich aig NHS na Gàidhealtachd, a' coimhead gu mionaideach air slàinte chloinne sna tràth-bhliadhnaichean.
Thuirt Jennifer Davies: "'S e àite bòidheach airson fàs suas ann a th' anns an sgìre againn, agus bidh a' mhòr-chuid den chloinn againn a' soirbheachadh.
"Ge-tà, tha cho mòr 's a tha an sgìre a' fàgail gum faod e a bhith gu math cosgail agus doirbh do theaghlaichean sna coimhearsnachdan dùthchail seirbheisean fhaighinn."

Tha Jennifer Davies airson poileasaidhean nas cothromaiche do chloinn agus an teaghlaichean
Tha NHS na Gàidhealtachd a' toirt a-steach sgìrean Comhairle na Gàidhealtachd agus Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid.
A-mach à 12,834 duine-cloinne bho aois còig san sgìre ann an 2024, fhuair an rannsachadh gun robh 21.9% a' fuireach ann am bochdainn, figear nach do dh'atharraich bho 2010.
Sheall an dàta cho mòr 's a tha an ceangal eadar neo-ionannachd slàinte agus bochdainn.
Mar eisimpleir, tha 42.7% de chloinn còig bliadhna de dh'aois sna sgìrean as miosa dheth le grodadh fiaclan an coimeas ri 15.4% sna sgìrean as beartaiche.
Bu chòir gum faigh "guthan na cloinne" èisteachd
Bhruidhinn iad ri 170 duine cloinne agus pàrantan sa sgìre, agus chleachd iad rannsachadh stèidhichte air cluiche airson beachdan fhaighinn bho phàistean cho òg ri dà bhliadhna a dh'aois.
Fhuair iad, mar sin, dealbh air mar a tha dìth airgid an teaghlaichean a' toirt buaidh air beatha agus cothroman slàinte na cloinne.
Thuirt aon phàiste: "Tha mi airson a dhol gu café, cha robh mi a-riamh ann".
Agus nuair a chaidh fhaighneachd do leanabh eile mu bhith a' snàmh thuirt iad: "Chan urrainn dhomh a dhol ann leis gum feum càr agus airgead a bhith agad."
Tha Jennifer Davies ag ràdh gum "bu chòir do ghuthan na cloinne seo a bhith aig cridhe mar a bhios sinn a' dealbh sheirbheisean".
Fuasglaidhean
Tha an aithisg ag ràdh gum bu chòir do na h-ùghdarrasan poblach, an treas roinn agus coimhearsnachdan a bhith ag obair còmhla airson bochdainn chloinne a lùghdachadh agus a sheachnadh.
Tha Ms Davies ag ràdh gum biodh leasachadh ann an taigheadas, còmhdhail agus làraichean-cluiche a chùm maith theaghlaichean.
Bu chòir, tha i ag ràdh, gum faigh pàrantan taic airson 's gum faigh iad an cùram-chloinne as fheàrr agus am biadh as fhallainne cho math ri na sochairean air a bheil iad airidh.
Thuirt i: "'S e na tràth-bhliadhnaichean an cothrom as cudromaiche a th' againn a thaobh cothroman slàinte fad-bheatha.
"Mura tèid dèiligeadh ris an sin, bidh neo-ionannachd slàinte a' fàs fhad 's a bhios daoine beò agus 's e rudeigin a dhèanamh tràth an rud as fheàrr agus as cosg-èifeachdaiche as urrainn dhuinn a dhèanamh."
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh27 An t-Samhain 2024
