Fireannach fo chasaid às dèidh tubaist air Taobh Siar Rois

Heileacoptar le Seirbheis Ambaileans na h-AlbaTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Dh'innis Poileas Alba gun deach fireannach aois 59 a chur an greim agus fo chasaid co-cheangailte ri tubaist rathaid air Taobh Siar Rois.

Chaidh dithis fhireannach agus boireannach a thoirt dhan ospadal às dèidh na tubaist eadar motar-baidhseagal agus dithis air baidhseagalan air an A832 faisg air Dùn Dòmhnaill.

Bha an rathad dùinte ùine às dèidh na tubaist mu 1:00f Dimàirt.

Chaidh an triùir a thoirt a dh'Ospadal an Ràthaig Mhòir le heileacoptar.

Dhearbh Poileas Alba gun deach fireannach aois 59 a chur an greim agus fo chasaid.

Thuirt iad gun deach aithisg a chur gu Neach-casaid a' Chrùin agus gu bheil dùil gun nochd an duine a tha fo chasaid sa chùirt uair eile.