Adhartas le drochaid-choise ùr aig Port Steòrnabhaigh

- Air fhoillseachadh
Tha Ùghdarras Port Steòrnabhaigh an dùil companaidh a thaghadh ro dheireadh an t-samhraidh airson drochaid ùr a thogail do luchd-siubhail air chois aig a' chidhe.
Tha na h-uimhir de mhì-thoileachas air a bhith ann bho bhris an seann shiostam inntrigidh luchd-coise (PAS) bho chionn trì bliadhna.
Bhon uairsin, feumaidh luchd-coise feitheamh gus am bi na carbadan uile air tighinn far an aiseig mus fhaigh iad fhèin air a dhol air bòrd tro dheic nan càraichean.

Dhearbh ùghdarras a' phuirt mar-thà gun tòisich obair ro dheireadh na mìos gus an seann shiostam a thoirt air falbh is dùil gum mair an obair sin eadar ceithir is sia seachdainnean.
Tha iad ag ràdh gu bheil an cùmhant airson siostam ùr a thogail na àite an-dràsta a-mach gu tairgse.
"Tha dhà no trì seachdainnean air fhàgail mus bi a h-uile càil againn is an uairsin bidh sinn a' taghadh companaidh airson na h-obrach," thuirt maighstir a' phuirt, Màrtainn Greumach.
Leisgeul ga thabhainn 'son drochaid-aiseig bhriste Steòrnabhaigh
- Air fhoillseachadh14 An Lùnastal 2024
Drochaid-choise ùr air fàire aig cidhe aiseig Steòrnabhaigh
- Air fhoillseachadh19 An t-Ògmhios 2025
Seann drochaid-choise Phort Steòrnabhaigh a' falbh deireadh na mìos
- Air fhoillseachadh7 An Cèitean
"Leis a' phròiseas fhathast beò chan urrainn dhuinn tòrr a chantainn mu dheidhinn cuine bhios e deiseil, ach gu bheil sinn airson is gum bi rudeigin air a thogail is air a chleachdadh cho luath 's urrainn dhuinn.
"Tha sinn an dòchas innse cò bhuannaich an cùmhnant airson PAS a chur a-steach aig deireadh an t-samhraidh co-dhiù.
"Bidh fios againn às dèidh sin cuine bhios iad a' tòiseachadh na h-obrach is cuine bhios e deiseil."